105498: Sgoil Liùrboist 1879-1979
Sgoil Liùrboist 1879-1979
This piece of bàrdachd, Sgoil Liùrboist 1879-1979, was composed by the Rev. Donald Gillies to mark the centenary of Leurbost School.
Meal-an-naidheachd aig an àm seo Air an t-seann tè ràinig ceud, ’S i gun anfhainneachd gun ghearain Coilionadh gach car is gnìomh. Bha teaghlach na bu lìonmhor fada Na aon bha sa bhaile riamh, Ach i fhathast gu fallainn sunndach Cha do dh’fhàs an ceann aic’ liath. Tha i suidhicht air an làrach Gun dol fad’ o àite gairm, ’S i cho eòlach anns an nàbachd Bho Chnoc Fàid gu Cnoc an Stoirm. Bhitheadh a clann tighinn o gach ceàrnaidh, Cha b’ ann sàmhach ach le seirm, Nuair a thionaileadh iad thugad Chluinnt’ anns a’ Bheinn Bhuidhe an toirm. Feadh nam bliadhnaibh a chaidh seachad Bha thu ealanta ri strì Airson do chloinne chur a-mach Le cinnt nach bitheadh air neach dhiubh dìth. Gum bitheadh anns na cinn ac’ foghlam A bhitheadh feumail dhaibh ri an linn, Chum gu seasadh iad gu calma Air an fhairge no air tìr. ’S iomadh aon a dh’fhalbh bhod fhasgadh Dol a-mach a chosnadh lòin, Cuid an Alba, ’s cuid an Sasainn, ’S cuid fad às anns an Roinn-Eòrp’. Sin nuair thuig iad ceart a’ bhuannachd Bha san rud a fhuair iad òg, An rud thug thu gu dìleas seachad ’S tu gan altramas le deòin. ’S lìonmhor linn a fhuair gun teagamh Stèidh an oideachaidh fod sgàil, Bunait fhallainn cheart an eòlas, Agus sin den t-seòrsa b’ fheàrr. A’ toirt dod chloinn air dòigh no dhà ……………………………………… Rud a ghleidheadh iad nan inntinn, ’S nach cuireadh a chaoidh iad ceàrr. ’S iomadh atharrachadh ’s caochladh Chunnaic thu san tìr bho d òig: - Chunnaic thu do chlann ‘s iad cas-ruisgt’, Fulang airc air bheagan stòir, Nuair nach robh an t-annlan pailt ann ‘S nach bitheadh aran ac’ air bòrd, Nuair bha gineal agus pàrant Anns an àite-se air dhroch dhòigh. Thàinig leasachadh air cùisean Fhuaireadh faochadh on an leòn A bhith faicinn clann le acras Is gun aca na bu leòr. Chunnaic thu le èideadh ceart iad Gun duin’ ac’ a dh’easbhaidh lòin, Iad an-diugh a’ tighinn is carbad Moch is anmoch air an tòir. Bitheamaid da-rìreadh taingeil Mar tha chùis, ’s ann dhuinn is còir, ’S mar a rinn thu, cùm a’ dèanamh, Chuir thu sinn fo fhiachan mòr. Chan eil d’ obair idir crìochnaicht’ Ged tha ceud bho bha thu òg, Tha linn a tha ’n-diugh suas ag èirigh Cheart cho feumach air do sheòrs’.
Details
- Record Type:
- Gaelic Verse
- Date:
- 1979
- Record Maintained by:
- CECTL