109987: Dunadh Bun-Sgoil Fheidigearraidh

Chaidh am pìos bàrdachd seo a sgrìobhadh le Donnchadh Macleòid, Rànais.

Ri achlais Cnoc na Cairidh
Loch Urnabhaigh ri taobh
The bunsgoil baile Ranais
Am fasgadh Druim an Aoil
A h-aghaidh steach an rathad
Far na dh’àraicheadh na laoich
‘S na caileagan chuir dreach oirre
Thug inbhe dhith na saoghal.

Cha b’ann a mhain do Ranais
Bha an ionad seo nas mò
bha teaghlaich croitean Chrosabost
an urra ri bho thùs
na sgiùrsadh às a’ Phairce dhiubh
fhuair àite ri a’taobh
cuir dreach is loinn neo àbhaisteach
air còmhlan càirdeal caomh.

Le tìm a gabhail seachad
Leis gach toinneamh agus teinn
Bha faicinn sluagh a’ tanachadh
San gineal sgaradh bhoinn
Chaidh fàilte chridheil chàirdeil
chur air clan taobh thall a ‘Ghlinn
‘s nuair dhuin sgoil bheag Ghrimiseadair
Chum Ranais iad cruinn.

Nuair dh’fhosgail i an toiseach
sguir Sgoil bheag Tom ‘ic an Lang
Is thòisich cleachdadh coimheach
a thug buille chruaidh air cainnt
an t-sluaigh bha anns a’choimhearsnachd
A ghlèidh re iomadh linn
An cànan a bha muirneach ac’
Dha còmhradh is dha seinn.

B’ i Ghàidhlig cainnt nam pàrantan
Na seanairean san cloinn
B i an coluadair àbhachdas
An gairdeachas, san staing
An daorsa, is an gàbhadh
Thug i am bàrr iad aig gach àm
Is thoill a brigh sa h-àilleachd
Binn na b’fheàrr na cuir fon choill.

MacCuimein a’ chiad masgoile
An Ochd Deug a Seachd sa naoi
Na dheidh bha Iain MacCullaidh
is an sin a tighinn nan dean
Mac’Ille Mhoire is Gilliosach
Is Caimbeulaich bu ghann
A thug bliadhna an urra
A’ toirt teagaisg dhan a’ chlann.

Thug Wood à Siorrachd Air a
ghabh àite os a cionn.
aon bliadhna deug dha gràbhaladh
ri cumadh ’s feum an àm.
Nuair thàinig là dha a fàgail
Ghabh Burns àit gun fhiamh le cinnt
Ag ionnsachadh nan àrmunn
A’chath blàran fhichead linn.

Cha robh foghlam Gàidhlig aig
Na fir ud air an stiùir
Ach gabhadh anns an àite ris
na ghnathaich iad bho thus:
Beurla thoirt do phàisdean bha
Làn Gàidhlig bhon a’ ghlùin
‘s tha toradh sìol an àitich sin
Dha àireach air gach taobh.

Le adhartas an t-saoghail
Thàinig Dòmhnullach bhon Iàr
Fear a mhuinntir Shiàboist
Bha tàlantach an gnìomh
Thug fichead blaidhna is trì
a’liobhraigeadh sa snìomh
Eachdraidh agus litreachais
Nam fine faisg is cian.

Nam bithinn dol a’ luaidh air
Na thug buaidh air beath an `ait
Dh’innsin dhiubh mu Ruairidh còir
MacChoinnich a bha sàs
rè sià bliadhna deug bha ionmholta
cuir siol a ghineadh bàrr
An iomadh acha fhiadhaich
A bha riaraichte le bhith bàn.

Cha bu mhisd i idir
Niseach biorach os a cionn
Deich bliadhna thug am britheamh
Ruairidh Moireasdan dhan chloinn
Gan treòrachadh ‘s ga misneachadh
gu stri gu ruig an ceann
A bh’fhaid air falbh, san comasan
A chleachdadh gun bhith mall.

Thug Aonghas Caimbeul Bhradhagair
Sia bliadhna deug na ceann
A comharrachadh an rathaid da
Na bha mun cuairt san àm
Chriochnaich e a rèis is
Dh’ eirich reultan os a chionn
Thug ainm is cliù le eud
Gu Fèidigearraidh nall.

Bhean Phòsd Nicleòid à Crosabost
A’ chiad tè fhuair an crùn
Banamhaighstir na Sgoil thug
Dhi oideachadh bho thùs.
Bu ghoirid a coig bliadhna
Ach le urram, uaill is diù
dh’fhàg i carragh cuimhne measg
a’chlann gan tug i stiùir.

Cairstiona NicGumaraid
A chum am buidheann cruinn
Le rian is dòigh dhan uidheam
Ged b’e dè bh’aig freasdal dhaibh
Mas do ruith a Bhliadhna
Thòisich deich a thug gu ceann
Sià Fichead ‘s a Dha dhiubh
Air an laraich teagaisg chloinn.

Ceit Ann NicLeòid à Crosabost
A fhuair an urram mòr
Bhith treòrachadh na sgoile
Gu a là deiridh an Ceann an t-Oib
Bidh taingealachd nam bailtean
Aic dha leantainn re a lò
Is buidheachas son libhrigeadh
An fhirinn dhan an òig.

B’iad clann an àit a’ charraig air
Na thog gach linn a riamh
An dòchas gu bhith leasachadh
Sa togail gineal treun
gan oideachadh, gan armachd
gu seasamh measg an treud
nan uaislean son an fìrinn
ge b’e strì bhiodh sin a’ feum.

 Is ioma ceàrn dhan t-saoghal
Sam bith deòir a ruith gu teann
Cuimhneachain dhan dùsgadh is
Gan ùireachadh air clann
A dh’eirich suas nan daoine leis
An stiùreadh bhon an àm
A bh’ac am Bun Sgoil Ranais
A thog bhon sùil na lann.

A nise tha i duinte
Cha bhi duil ri èugh no gàir
Ri clann a’cluich sa glaodhaich
Ruith ball-coise ’s ri feala-dha
Cha chluinnear glag dhan dùsgadh
No dhan sgiursadh às an tràigh
San tric a rinn iad maorach
Suas gu an aobrann anns an lathaich.

Chaidh na gineil thairis
Is dh’atharraich ar n-iùil
Chan e seo baile mhaireas
tha sinn soilleir air gach taobh
Is bitheam taingeal iriosal
Son beannachdan is stiùir
A fhuaireadh anns an ionad seo
Am fasgadh Druim an Aoil.
Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CECTL