109988: Am Bata Dubh
Chaidh Am Bàta Dubh a sgrìobhadh le Murchadh Macleòid, Liùrbost.
Deoch-slàinte nan gillean ’s e bha mi ri sireadh ‘S e bha mi ri sireadh na fìr anns an àm Cha b’e mo rùn bhith sa phoit dh’ fhàg cho daor san taigh-òst mi Ach gaol nam fear òga nach sòradh an dràim. Air feasgar Diciadain gun shèid i bhon iar-dheas Gun shil i air lìonadh le sian bhàrr nam beann Bha i sèideadh cho làidir bhàrr claigean na Càbaig Gun saoilinn nach fhàgadh i snàile ri crann. Gun shèid i gu cas oirnn bhàrr fiacail a’ Ghalta Is i togail cabhadh bho bharran nan tonn Mun d’ fhuair sinn fo aodach bha dithis ga taomadh ‘S muir bàn fon a’ chaoch air gach taobh a’ tighinn innt’. Bha bogha-frois dubh-ghorm seachad cul Beanna Bharbhais Bha dùbhran an anmoich fàs dorch anns na glinn Bha cuisean ag agairt bhith dlùth air an fhearann Bha burn is tein’-adhar ga fhrasadh mur cinn. Siud mar thuirt am ‘mate’ Chan eil math dhol dha beatadh Cha bhuannaich i fearann le canabhas lom Gun bhith cinnteach na ceannabheirt cha leig sinn air falbh i Cha mharcaich i ‘n fhairge tro ainfheas nan tonn. Thuirt mise ’s mi labhairt “Bheir mise dhi ceartas Ga cumail aig astar fad ‘s dh’ fhànas i lom Ga seòladh gu ‘h-easy’ an coinneamh gach ‘heaver’ ‘S chan eagal gun dìobair aon ni os ar cionn. Nuair chual na balaich siud chaidh iad nan cabhaig B’ iad fhèin na fir-thapaidh neo-lapach san àm Mus gearradh tu fead bha cuid sheòl am bun seataidh Bha fear aig gach ‘halyard’ ’s fear ac’ ro gach crann. Cha bhi sinn a’ gearain ‘s a cuid misdeardan seasmhach Ged bhiodh sinn mar lachainn a’ placail san taoim An leth-dusan clach bh’ againn innt’ airson balaist Chan fhanadh iad ceart leis a chant a bha innt’. Nuair chaidh i gu astar ‘s a curs air an fhearann Bu luaith i na an t-seabhag air bharran nan tonn Ged bha marcach-sine ri dalladh na tìr oirnn Rinn leth-dusan sgrìob toirt am fianais nan ceann. Nuair ‘chlearaig’ i seachad ’s a thog sinn am fearann ‘S a chunnaic sinn ceart mar a bha ri dol dhuinn Cha bu bheag a’ chuis ghealtachd na bh’ eadar mis ‘s Tabhaidh Gun saoilinn gun sgathadh i m’ fhalt bhàrr mo chin. Bha Dòmhnall Iain Mhàrtainn, ged b’ eòlach an làmh e Ri stiùireadh a’ bhàta tro gabhadh nan tonn Le shàil ri ceann-ùrlair ‘s a làmh air a chùlaibh Mus riabadh maid-iùil bhàrr na stiùìr dol an ceann. Bha mic Dhòmhnaill Thorcaill nan gillean glè sprocail Le athar caol corrach is gob oirr’ mar lamp Bha mòran de spòrs orr’ aig meud a cuid seòla Ach air bìrlinn MhicLeòid cha deigheadh òirleach dhith ’n ceann.
Details
- Record Type:
- Gaelic Verse
- Record Maintained by:
- CECTL