74334: Oran Dha’n “Fhaiceal”

Oran Dha’n “Fhaiceal”

'S e 'n "Fhaiceal" tha cumadal
Os cionn leam na chunnadh mi;
Chan 'eil i 'n diugh mu Bheàrn'raidh
A dh'fhàgas air a turus i.

'S tu bàta beag tha bòidheach
A ghluaiseas aotrom deònach.
Le déile chruaidh ro d'bhòrdaibh
'Gad sheòladh gu h-uarramach.

Bho 'n thilg thu dhìot an còta
Bha snasail ann an cleòc riut,
Cha duilich leat do spògan
A dheònaich mi 'n uiridh dhut.

Cho siùbhlach air a' bhòidse
Ri clipper rìoghail Sheòrais,
Cur seachd na tuinn mhóra
Bhios geal air chnuic toirt bhuillean dhut.

Cha diùlt thu dhol air fuaradh
An coinneamh nan tonn uaine,
Is an cabhadh mara ruaigeil
Air uachdar do dhuilleagan.

Bho 'n 's e obair chléibh tha strith riùt
A' spùilleadh roc their sgriòb leat,
Gu ruig thu cùl Sgeir Mhìle
'S a null gu Fìoran Churabhrat.

'S e 'n "Pheigi" mhór tha cianail,
Bho 'n chaill i cumail sgial ort,
Tigh'nn dhachaigh bho 'n an iasgach
'S i diasgail 's a' turraman.

Tha "Diadem" cho gleusda
'S gun geàrr i as a chéil' thu
Cuis eagail as do dhéidh i
Le leum a bhiodh cunnartach.

Tha 'm Bodach 's e cho pròiseil
'Na sheasamh air do shòdbla,
Toirt seachad dhuinn nan òrdan
Mar chòrnalair urramach.


Gu sraon thu thairis sàbhailt
Mar fhiadh 'na dheann air fàsaich,
Gu ruig thu bonn a' Chàrn sin
Far 'n àill leat bhith fuireach ann.
Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1924
Record Maintained by:
CEBH