39854: Marbhrann Do Dhithis Chloinne

An elegy written by Annie Macleod after the death of two of her children, Jessie Maclennan and Alex John Maclennan, in the inflenza epidemic of 1919.

Marbhrann Do Dhithis Chloinne

Nam biodh teanga bhàird agam
Chum dàin a chur air loinn
Dh’innsinn do mo chàirdean
Mar a rinn am bàs mo chlaoidh.
‘S ann an mìos na Màirt
Dhealaich e na pàistean rùin
Ach tha mi ag altram dòchais
Gu bheil an t-òran aca ga sheinn.

An camhanaich na maidne
‘S mi trom airsnealach troimh ‘n oidhche
Laigh mi air mo leabaidh leat
‘S cha tug thu freagradh dhuinn
Phlosg mo chridhe is dh’ fhàilnich e
Le meud mo chràidh an raoir
Cò dh’innseas meud mo dhoruinn
‘N uair chaidh Seònaid ga toirt bhuainn

‘N uair thug sinn chun an teine thu
Is a chunnaic sinn do shnuadh
‘S a chreid mi gur e ‘m bàs a bh’ort
A ghràidh bha sin cho cruaidh.
Bha na deòir a’ sileadh bho
Mo chridhe air mo ghruaidh:
Ach an Ti thug còir dhuinn oirbh
‘Se dh’òrdaich ‘ur toirt bhuainn.

Thionndaidh mi car tamaill bhuat
‘S tu teannadh ris a chrìch,
Is thill mi chum na leapa
Far an robh mo bhalach tinn.
Bha mi call mo dhòchas dhut
‘S bu brònach cor mo chridhe.
Chaidh esan a thoirt dhachaidh uainn
Mus do chaidil thu ‘s a’ chill

‘N uair dh’èireas mi ‘s a’ mhadainn
Chun an teine bheir mi sùil
Air an àite ‘s na chleachd sibh
A bhith cleasachd rith mo thaobh.
Cha chluinn mi fuaim bhur gàire
‘S bidh sud gam fhàgail sgìth;
Ach tha mi ghràidh an dòchas
Gu bheil sibh còmhla ris an Rìgh

‘N uair sheasas mi ‘s an doras
Bith mi ag amharc anns gach àite
An dùil gu faic mi tighinn sibh
‘N ur dithis mar bu ghnàth
Air làimh a chèill chitheadh sibh
‘S dh’aindheoin de bhiodh cèarr
Cha dhealaicheadh sibh ri chèill
Gus an d’ ghèill sibh don bhàs

Nach math gu bheil e sgriòbhta
Nad fhìrinn nach eil ceàrr
Gu bheil thu cuireadh leanabaidh
‘S nach teart thu iad bho chàch.
‘N uair bhios mo chridhe tinn
‘S mi ri caoidh na chaidh gu bàs
‘S e d’fhocal fèin bheir faochadh dhomh
‘S a chuireas mi nam thàmh

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1919
Record Maintained by:
CEBL

Related Media

Annie MacLeod with three of her children

Annie MacLeod with three of her children