60827: Mucan-Mara Bhaile Ailein

Poem about the last organised whale hunt which took place in Balallan in 1934, highlighting the people of Kinloch’s lack of fishing skills

Mucan Mara Bhaile Ailein

‘S e mucan gun chiall chuir cùl rin dachaigh
Air aodann mharail a’ chuain;
Nuair chuir iad an cùrs air bàgh Bhaile Ailein
‘S e ‘m bàs a bh’ aca mar dhuais;
‘S e aon a thàr gu sàl air ais dhiubh,
Chaidh càch a chlachadh gun truas;
Bha balaich an àite nam màl a’ feannadh
Gu tràth air madainn Diluain.

Dh’obraich iad cruaidh ri fuachd na maidne
Gu faigheadh iad dhachaigh an t-saill;
Bha praisean le sùrd ri taobh gach deathach,
Ri taobh gach abhainn is allt
A’ brùdhadh gu smeuradh sùgh a’ bheathaich
Thug Iònah caithris na broinn,
‘S a dhìobhair i ‘n-àrd air tràigh a’ bhaile
Bha gràin aig air a dhol ann.

Sa mhadainn Dimàirt bha fàileadh damait
Gu h-àrd air mhullach nam beann;
Gun dh’fhairich na fèidh iad fhèin an saf
A bha ‘g èirigh mach às a’ ghleann;
Tharraing iad ceum le leum is osann,
‘S e ‘n èiginn chumadh iad ann,
Chan itheadh iad beum don fheur gu ruigeadh
Iad slèibhtean Hùisinis thall.

Bha ‘n Cuff air a dhòigh ‘s a leòr ri aghaidh
De dh’fheòil nam beathaichean caillt;
Bha chraiceann air leum ‘s air sèid mar mharag
An dèidh bhith dathadh nan ceann;
Bha phiuthar gu saothrach slaodadh ghlaisean
Le taod "manilla" na làimh,
‘S i cumail a sùil gach taobh don chladach
Mus fhaodadh càil dhol air chall.

‘S gu dè thug air ainmhidhean garbh na mara
Cur cùl rin dachaighean fhèin,
Gu toir teachd-an-tìr ri crìch a’ chladaich
An sgìre a’ bhradain ‘s an fhèidh?
‘S ann stiùir iad cùrs len ùidh air camas
Bhiodh cùilteach falaichte rèidh,
Sam biodh iad le rian fo dhìon nam fearaibh
Nach trialladh mara chum èisg.

Chan fhaigheadh àite bu shàbhailt leotha
Na bàgh Bhaile Ailein is Cheòis;
Fìor nàmhaid an èisg no creutair mara
Cha b’ e bha ‘m balaich a’ chlò;
Cha chàradh iad lìon, cha rèileadh iad dubhan,
Cha bhiathadh duine ac’ lìon-mòr,
Ach leithid a’ mhìothlachd riamh cha d’ rinneadh
Air iasg a bheannaich an còrs.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1934
Theme:
fishing
Record Maintained by:
CECL