60829: Oran Mor Thorcuil

Marion Macleod, 16 Laxay wrote this song after her marriage took her to live in Achmore. It is obvious she is homesick for her native village.

Oran Mor Thorcuil

Ise: Och mar tha mi’n dèidh do shùgraidh;
‘S cianail, tùrsach mi’n dèidh do chòmhraidh;
‘S do ghaol a rinn mise liathadh
‘S an gealladh dìomhair a fhuair mi òg ort

Comhairle m’athar ‘s mo mhàthair
S comhairle mo chardean dhomh ged a b òg mi;
Thug iad ormsa mo chaid ghaol fhàgail
S a dhol a thàmhachd am meadhan mòintich

Nuair a dhìreas mi suas an cruadalachd
Chì mi’n cuan air a bheil thu seòladh;
Bidh na deòirean a ruith bhom ghruaidhean
`S do ghaol cho buan dhomh ‘s tha’n cuan a sheòl thu.

Nuair a dhìreas mi suas am bealach
‘S a chì mi n taigh sa iad a togail ceò ann,
‘S e mo smaointean a staigh nam aonar
Gur iomadh caochladh tha n gaol na h-òigh

Tha cuibhl an Fhortain a’ cur nan car dhith;
‘S ann dhomhsa thachair sin ged a bìog mi;
Am fear a b’fheàrr leam a bha san àite
An-diugh gur gràin leis mi dhol na chòmhradh

Nam biodh tusa mar tha mise
‘S ann a dh’fhiosraicheadh tu mo dòrainn;
‘S ann a sgrìobhadh tu thugam litir
Gus nach biodh mo chridhe brònach.

Esan; Ged a sgrìobhain-sa thugad litir
Cha dèan mi idir a cur an òrdugh;
‘S ann a labhras sinn beul ri beul
‘S e sin am pàipear nach laigh na h-eòlach.

Togaidh mise taigh geal ùr dhut
‘S lobhta dhùinte anns nach diosg do bhrògan;
Bheir mi sin dhut is crodh is caoraich
‘S Carson a ghaoil nach do rinn sinn còrdadh?

Ise; Ged a gheibhinn-sa crodh is caoraich
‘S taigh geal air aoladh ‘s air chur an òrdugh,
‘S mòr gum b’fheàrr leum mo chaid ghaol fhaotainn
Gun chail san t-saoghal ach deise chòrd air

Chuir iad mise gu Loch an Acha,
‘S beag mo thlachd a dhol ann a chòmhnaidh;
Cha chluinn mi iomradh air lìon no bàt ann,
Cha chluinn mi càil ach an crodh ‘s na h-òisgean.

Chuala mise gun ghuidh do mhàthair
Laighe bàis dhomh gun chothrom còmhraidh;
Cha d`chuir sin na mo chridhe fuath dhut
Cho fad`s is buan thu air talamh tròcair.

Esan: Ged a thigheadh trur san t-seachdain
Na toir gealladh do neach tha beò dhiubh;
Innis dhaimh-san gu bheil nas fheàrr leat
Tighinn air sàl air long bhàn nan ròpan.

Nuair a dh’èireas mi sa mhadainn
‘S a chì mi ‘n taigh ‘s sibh a’ togail ceò ann,
Bheir mi sùil air an t-sabhal bhàn
Far an tric a tàlaidh mi ‘m pàiste bòidheach.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1880
Theme:
homesickness
Record Maintained by:
CECL