63204: Mo Dhurachd Don Tir

Donald Macdonald, Tobson wrote the bardachd Mo Dhùrachd Don Tìr (which appears in Bardachd Leodhais) after he had moved from Lewis to Glasgow; he relates how he misses his homeland and the effect the clearances has had on the Highlands and Islands.

 

Mo dhùrachd do’n tìr,
Far ‘bheil dùthaich mo shìnnsir;
Tha sùil agam gun till mi,
‘S cha trèig mi chaoidh a’ bharail sin.
Mo dhùrachd do’n tìr.

Is mise ‘tha gu brònach,
Bho ‘n dh’ fhàg mi Eilean Leodhais,
An tìr ‘s an robh mi eòlach,
‘N uair ‘thogadh òg ‘n am bhalach mi.

Tha iomadh ni air caochladh,
An eilean caomh mo ghaoil-sa,
An t-aite ‘bh ‘aig ar daoine,
Gun chàil ach naoisg ‘us gearran ann.

Ged thèid thu ‘n diugh do’n aonach,
Cha’n fhaic thu bò no caòr’ ann;
Fo aolach chearcan fhraoiche,
‘S coin shèilg aig sìlich Shasunnach.

‘S e laghanan na truaighe,
Bha ‘ toiseach aig ar n-uachd’rain,
A sgap sinn airson raudh-bhuic,
‘S an diugh gur fuar ar cagailtean.

‘S e dh’ òrduich Dia nan gràs dhuinn,
An talamh ‘bhi ‘g a àiteach;
‘Us daoine bhi a’ fàs ann,
‘S ar saibhlean làn de aran air.

Nach cianail staid nan Gàidheal,
‘G ar ruagadh as an àite,
‘S nach faigh iad ceann ri àiteach’,
Gu’n ruig iad fàsach Chanada.

Na faighinn-sa mo dhùrachd,
Gu’m pillinn gu Sìr-Uige;
‘S ann innte ‘tha na fiùrain,
Bhiodh calm ‘air chùl nam marannan.

Mi ‘dùnadh leis an dàn so,
‘S mo shoraidh leis na càirdean,
A’ sgapadh feadh gach àite,
‘S nach pill gu bràth gu’n dachaidhean.

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Theme:
Lewis; homesickness; Clearance
Record Maintained by:
CEBL