You are here

Oran Mairi Dhall

Oran Mairi Dhall

Mary Maciver, Màiri Dhall, left Valtos for America, where she was terribly homesick, and she composed the following song, Òran Màiri Dhall.

Och nan och, tha mi fo mhulad,
Dhomh-sa tha mo chòmhradh duilich,
'S truagh an càs ach 's fheudar fhulang,
Nach fhaod mi fuireach ann a' d' chòir.

Tha mi nis an so glé chianail,
Falt mo chinn gach là a' liathadh;
'S e 'bhi cuimhneach' Leòdhais riabhaich,
Tha 'g am leagail sios le bròn.

'S iomadh maduinn bhòidheach shamhraidh,
'Bha mi ruith nan cnoc 's nan gleanntan;
'S beag a shaoil mi anns an àm sin,
Tighinn a nall an so ri m' bheò.

Ach théid mis' air ais do Leòdhas,
Eilean còmhnard, sèasgair, bòidheach;
Fanaidh mi gu crioch mo lò ann,
'S gheibh mi sòlas ann ri m' bheò.

 

Title: Oran Mairi Dhall
Record Type: Gaelic Verse
Gaelic Name: Òran Màiri Dhall
Theme: emigration
Record Maintained By: HC
Subject Id: 66063