66249: Marbhann air Aonghas MacIomhair

Marbhrann dha Aonghas MacIomhair, a bha ‘na Cheaistear an Uig, air a Bhac, agus a’m Baile-Mhairi, Ionmhar-Pheotharan. Chaochail e an 1851 [1856?]

An Elegy for Angus Maciver, the catechist in Uig, Back and Maryburgh. He died in 1851 [1856?]

Dh’fhalbh oirnn air a’bhliadhna-s’,
An teachdair bha ciatach is glan;
Thugadh dachaid gu slàint’ e,
Le cumhachd na h-Airde ‘s mòr mais;
Cha b’airidh an t-àite-s’,
Gu ‘n gabhadh e tàmh ann car greis,
‘Nuair chunncas so iomchuidh,
‘S ann rinneadh an imrich an clis.

Nach faca sibh, bhràithrean,
Na bha aid’ de lànachd na beath’?
‘Nuair bhiodh e ag ùrnuigh,
Bhiodh sileadh o shùilean gu pailt;
Biodh e tagradh ‘n còmhnuidh,
A chumhachd a dhòirteadh a mach,
Air na peacaich bu thruagh,
Chum ‘s gu-faigheadh iad fuasgladh as.

Ach a nis’ thea sinn sgìth
Ri sìor-shileadh dheòiribh;
Cha ‘n urrainn ar dùrachd
A chliù chur an òrdugh;
Bha shubhailcean uasal,
‘N a ghluasad an còmhnuidh;
Am faigh sibh ‘s an dùthaich
Fear-ùmhlachd de sheòrsa?

Co-dhùnadh an t-seanchais,
‘N duin’ iomnhuinn bha ‘m Barbhas
Cho fas is bu leur dhuinn,
B’ e fhéin an duin’ ainmeil!
Innis thus’ d’ a chàirdean,
Cho àluinn ‘s a dh’fhalbh e —
Ag iarraidh a’ Bhìobuill,
Is inntinn cho anmhuinn.

 

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Theme:
lament
Record Maintained by:
CEU