7273: Baile Cheois

Baile Cheois, le Murchadh Mac a’Ghobhain a bha ‘na mhaighistear-sgoile ann an Ceos ann a’ bhliadhna 1909

Poem about the village of Keose written by Murdo Smith, Luerbost, who was Headmaster of Knockinadue School in 1909.

Baile Cheois

"Thugaibh cluais dhomh is eisd ri duanag
A’ rinn mi luaidh air a bhaile mhòr seo.
Am baile rìoghail aig ceann na sgìre,
San tug mi tìm ann an sìth ri còmhnaidh.

Bha sgoil s ‘n àite airson teagasg phaisdean.
An ionad fàsail aig bràigh na rathadan.
‘S nuair thug mi fàth dhaibh gu robh mi fàgail,
Bhan aghaidhean bhaigheil a’ snàmh le deòir.

Bha agam saorsa an am measg na daoine,
Bu chridheil faoilteach ruim, aois is òige.
Chan fhaicinn luaisgean no aghaidh gruamach,
A steach air uachdair na Glaice Mora.

Chan eil dreuchd dhan duine tha feumail,
Nach eil neach èiginn an greim an Ceos ann.
Gach latha Sabuinn an Eilean Thabhaigh,
Bidh an soisgeul blàth ann, aig Maighstir Domhnull.

Lighiche ainmeil a shuibhlas garbhachd,
Moch neo anmoch nuair thig an toir air.
Ged bhitheadh e garbhach aig Ailein Cameron,
Cha dhuilt e falbh, thar muir neo mòintich.

Aig taobh an t-saile, tha saor ri tabh ann.
Laoch chaidh àrach am bràigh na mòintich.
Fhialaidheachd ‘s a nabuchd chan iarrainn aigheadh,
Tha a chiall ‘s a nabuchd a toirt bàrr air mòran.

Tha caraid a làimh ruim a tha cumail àireamh,
Air breith is bas, is aithne pòsadh.
‘S tric a ghluais mi a shealltainn cuairt air,
‘S a shuidh mi uair, ‘n uair bu suairc a chòmhradh.

Bhitheadh e iomchaidh dhomh Coinneach ainmeachadh,
‘S tric a carbaid a falbh na rathaidean.
Chaidh e na bhall dhan a Pharish Council,
Fear ceannachd ghaimhneach aig am nan dròbhan.

Bu thoigh leum cuairt a thoirt an uairsin,
Gu taigh Iain Tuathanaich shuas a mhòintich.
Bu chridheil èibhinn a bhith air cheilidh,
An ceann a chèile, le feisd bho Floraidh.

Na gillean suairce, chaidh àrach suas ann,
Gu bulach ghluais iad thar cuantan mòra.
Ma thig an duan seo a chum an cluasan,
Bheir e an smuaintean gu uair an oige."

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1909
Record Maintained by:
CECL

Related Media

Keose estuary

Keose estuary