72774: Marbhrann do Chalum Iain MacAoidh

This lengthy elegy was written by Angus Mackay for his nephew Malcolm John Mackay, 3 Garnyahine who was lost during the Second World War.

 

1 ‘S gur fada mu thuath ann an iomall a’ chuan
Tha an t-eilean san fhuair tu d’ àrach
Chaluim Iain MhicAoidh sinn a nise gad chaoidh
Ged fhuair thu os chionn gach àmhghar.

2 Sinn a nise gad chaoidh gach latha agus oidhche
Ged fhuair thu os chionn gach èiginn,
Mar Pheadair ‘s na tuinn chunnaic Iosa thu san luing
‘S thug E dha ionnsaidh fèin thu.

3 B’ aithne Dha t-ainm do chruth is do dhealbh
Nis thug E dhut sealbh san Aros
Far nach eil bròn, no cogadh no leòn
No fuil agus feòil a tàmhachd.

4 Nuair thàinig an uair gus do Spiorad dhol suas
Far a bheil an t-uan a tàmhachd
Bha t-anam Dha dlùth mar ubhal a shùil
‘S thug e thu chùirt an Àrd Righ.

5 Mar an gadaiche air a’ chraoibh nuair bha thu ‘s na tuinn
Thog Iosa na chaoimhneas gràdh thu.
Le Aingeal gu Nèamh air bharraibh an Sgèith
‘S tha sibh a-nise le chèile sàbhailte.

6 Cha sibhse a thagh mise ach is mise a thagh sibhse
Seo bunaite ‘s sùim mo mharbh rann
A rinn mi chuir cruinn nuair fhuair mi ort cinnte
Gun do sheòl tu on an Luing gu Pàrras.

7 Glòir bhith bith bhuan don Athar ‘s don Uan
A thog tu à uaigh staid nàdair,
‘S a d’ fhosgail do chluais a chluinntinn am fuaim
Tha binn don an t-Sluagh thug gràdh dha.

8 Tu nise an a’ Glòir far a bheil Pòl
Agus Dòmhnall MacLeòid bha an Sìldeag
‘S na Caoraich tha leònte ann an Saoghal nan Deòir
Rinn am Buachaille Mòr am pilltinn.

9 Nis dheàlraich ort grian gun toiseach gun chrìoch
Iosa Crìosd am Fàidh
Ar Sagairt ‘s ar Rìgh is Prionnsa na Sìthe
‘S e chuireas fo Chìs an dràgon.

10 Nis dh’ èirich ort grian nach tèid tuilleadh sìos
‘S e bhith maille ri Crìosd as fheàrr dhut
Na bhith gad do leòn ann an Saoghal nan Deòir
‘S gach sgolb tha san d’ fheòil toirt cràidh dhut.

11 ‘S Fhir togail ar cinn nuair bhios sinn lag tinn
Cuimhnich gun d’ gheall Thu dh’ Abrahàm
Air Sgath t-ainm fèin gu lìonadh tu beul
Na h-uile bheir spèis agus gràdh dhut.

12 Tha do chumhachd cho mòr do ghliocais ‘s do Ghlòir
Chuir thu Crìosd san fheòil dar ‘n ionnsaidh
A dh’ fhulang nar ‘n àite pian agus cràidh
‘S thug an gath às a’ bhàs do mhìltean.

13 ‘S O Righ gabh ruinn truas ‘s ar cridheachan cruaidh
Mar an dèigh an a’ cuan a’ gheamhradh
O sil oirnn an drùchd as uisgeach an rùsg
Mar a dealt sa Bhuaile Ur san t-samhradh.

14 O thusa tha làn truas do chumhachd bith bhuan
O teasairg do shluagh san àm seo
Mar a rinn Thu san uair a sgoilt tu Muir Ruadh
‘S ghrad chadail na suain do nàimhdean.

15 Le do chlaidheamh cruaidh geur, gun mheirg ‘s gun bheud
Cuir an dràgon sa bhèist fod Cheannsal
Leviatan a’ chuan ‘s nathair lùbach na Roimh
Tha dochann na slòigh len lann ghath.

16 ‘S dhuibh guidheam gu lèir tha cogadh san t-streup
Innleachd na rèite ‘s na slàinte
Ar ceangail ri chèile ‘s mar Ghideon treun
Bheir Iosa a threud do Chanaain.

17 Ann an Crulibhig Uig a nochd thu air tus
‘S chunnaic do shùil cho àlainn
‘S bha solas na grèine O dhorsaibh na Speur
‘S tha i fhathast nad dhèidh ri deàlradh.

18 Bha thu modhail ‘s suairc umhail ‘s gun uaill
San dachaigh san d’fhuair tu d’ àrach
‘S gum ghoirid do chuairt air thalamh ‘s air chuan
Nuair thàinig an uair dhut fàgail.

19 Bu ghlan fallain do chliù ‘s gach baile an sgir’ Uig
Choisinn thu ùidh do chàirdean
Bha t-anail dhaibh cùbhraidh ‘s do còmhradh dhaibh cuin
Mar an coinneal ‘s mar dhrùchd an fhàsaich

20 Bha thu iriosal cuin a riamh on a bhrù
Chuala mi an cliù seo tràth ort,
‘S chan iongnadh a rèisd’ gad dhèanamh ort sgeul
Sinn a caoidh na do dheigh mar Rachel.

21′ S don àrd fhear cùil nis seinneam do Chliù
Cho fada ‘s bhios lùiths nam chàirean
‘S chì mi a’ ghrian on ear dol an iar
‘S mi ullamh gu triall gach latha às.

22 Tha an teaghlach gu lèir nis a caoidh na do dhèidh
D’ athair ‘s gun bhreug do mhàthair
‘S do pheathraichean cùirte a tuireadh fo thùirse
Agus Aonghas nad dheigh san àrach.

23 Cha urrain mo dhan ar leigheas an dràsta
‘S e Ola na Gràs an cungaidh
A dhùineas le Slàinte a lot rinn am bàs
O Rìgh dèan gun dàil ar ‘n ungadh.

24 Sin moladh sinn t-ainm nuair gheibh sinn ort sealbh
Le ùrnaigh ‘s gach sailm rinn Daibhidh
A thog Thu bhon ùir nuair bha E lag brùite
‘S tric sgaoil Thu mar smùir a nàimhdean.

25 Nuair thàinig an uair dhut dealachadh bhuain
Bu dhuilich ‘s bu chruaidh an càs e
Ach ‘s goirid an ùine mar phriobadh na sùla
Gus an dèan sinn an dùn seo d fhàgail.

26 Tha sinn uile gu lèir mar ghaisinn don fheur
Aig èirigh na grèine a dh’fhàsas
Gus an d’ thànaig an uair don chorran a bhuan
‘S bheir am Buanaiche luath gu àite e.

27 Tha sinn uile gu lèir mar coinneal don chèir
Anns a bheil rèis do dh’ àrda.
Nuair a lasas i suas leaghaidh i sìos
Gus an tèid i gun phian na smàl às.

28 Mar duilleach nan craoibh a’ ruith roimh an ghaoith
‘S mar aibhnichean ‘s uillt an fhàsach
Tha ruith don a’ chuan tha farsainn as buan
Tha iad teann agus luath gar fàgail.

29 Gur fada ma thuath ann an iomall a’ chuan
Tha an t-eilean san fhuair mi m’ àrach
Far a bheil an t-Sluagh tha leantainn an Uan
O dhùisg e o shuain a bhàis iad.

30 ‘S nuair a leigear na dùil ‘s thèid e na smùid
Bitheadh an dachaigh san dùthaich àghmhor
Far a biodh iad gu brath mar a’ ghealach gheal làn
‘S mar grian meadhan latha an t-samhraidh.

31 Tog deàlradh do ghnùis a-nis air ‘n triùir
Tha cùirte ann an Geàrraidh na h-Aibhne
San triùir th’aca air cuir orra eagal t-ainm
Is deònach dhaibh sealbh na d’ Oighreachd

32 Nis chrìochnaich mo dhan a moladh a ghràdh
Thug Crìosd le bhàs d’ ar n-ionnsaigh
‘S tha Tobair na Slàinte leis fhathast cho làn
‘S bha i ann an Latha na Cungais

 

 

Notaichean
8 ‘Dòmhnall Macleòid bha an Sìldeag’ was Domhnall Alaidh a minister and first cousin of the bard.
13 ‘A’ Bhuaile Ur’ was thè bàrd’s home in Crulibhig
22 Angus ‘Angaidh Domhan’ was still serving in the war
31 At Garynahine were Domhan, his wife and Ciostaidh Ann lived

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1940
Theme:
Lament
Record Maintained by:
CEBL