You are here

Cuairt air Ceos

Cuairt air Ceos

Reflections whilst taking a stroll around the village of Keose, by Roderick Smith, 3 Keose Glebe

" 'S an deanntagach ruadh

fàs suas sa' chagailt bha blath."

Nach tric a thig an smuain a tha sin gu ar n-aire nuair a bheir sinn cuairt agus a chì sinn tobhtachan a bha aig aon uair nan ionadan fasgaidh do mhuinntir a tha nis air falbh. Tha a h-eachdraidh fhèin aig gach tobhta, agus chan ann a-mhàin aig na tobhtachan ach aig iomadaidh àite eile a tha air an ainmeachadh as dèidh daoine àraidh no airson ni àraidh a thachair aig na h-aitcheachan sin.

Thug mi cuairt timcheall baile mo sheanair, Ceos ann an Leòdhas, bho chionn ghoirid, agus bha m'inntinn a' dol air ais gu seanchasan a bha mi air a chluinntinn mu "Seann Cheos". Thoisich mi aig Glaic nam Fiadh, agus ged nach eil fiadh ri fhaicinn ann an diugh tha e cinnteach gu robh iad ann aig am a choreigin. Tha fear anns a bhaile a tha gu math seachad air a' leth-cheud a mhionnaicheas gu fac e fiadh anns a ghlaic nuair a bha e 'na bhalach, agus an uair a dh'fhaighnicheas tu dheth de rinn e nuair a chunnaic e am fiadh, their e: "Chaidh mi as a dhèidh le sguab chorca!" Ged is ann caol a bha a dhòchas air greim fhaighinn air an fiadh co 's urrainn a ràdh nach fhaca e e?

Tha dha no thrì thobhtaichean anns a' ghlaic agus nam measg tha Tobhta Aonghais Mhoir. Nam biodh e an diugh a' dol a thoirt cuairt troimh 'n glaic dh'fhaodadh e a ràdh mar a thubhairt am bàrd:

Seileach is luachair

Cluaran, muran is starr

Air tachdadh nam fuaran

An d'fhuair mi iomnadh deoch-phait.

Oir tha am fuaran a bha ri taobh a thighe ann fhathast gun dad a dhith oirre ach a glanadh. 'Se e duine eirmseach a bha ann an Aonghas Mor tha e coltach, agus air là ariadh, is e fèin agus nabuidh dha nan seasamh aig ceann an tighe chunnaic iad fear ris an cainte Dubhghall le gobhar, 's e dol ga bhualadh air raon. "Aonghais", ars am fear a bha còmhla ris, "Seall air Dubhghall leis a' ghobhar". Rinn Aonghas e fhèin dìreach agus sheall e taobh Dhubhghaill agus ars esan ri charaid: "Co am fear ac' air a bheil Dubhghall?" Co an srainnsear don bhaile a b'urrainn an diugh a ràdh gur h-iomadh oidhche shona a chuir Aonghas seachad anns a' Ghlaic còmhla ris a' chù "Brudan", a bheireadh a-steach dha fàdan mònach as a' chruaich 'na bheul.

An dèidh a' Ghlaic fhaghail thàinig mi gu Leac na Ceardaich. Tha an leac ann fhathast ach chan eil foir air a' cheardaich. 'S iongantach mura robh gleadhar gu leòr timcheall air an àite so uaireigin, oir far a bheil Tigh an Dotair an diugh 'na seasamh bha an seann taigh-sgoile, agus tha mi a creidsinn gu robh am maighstir-sgoile coltach ri maighstir-sgoile Goldsmith a bha "passing rich with forty pounds a year". An dùil an robh e a riamh air cluinntinn mu 'n E.I.S agus a S.S.A, agus mar a tha iad gu tric an amhaichean a chèile?

dlùth do Leac na Ceardaich tha an seann Phost Office, no seann tigh Aonghais Alasdair a bha na shaor, agus mu 'n duirt Murchadh Gobha a bha greis a' teagasg ann an sgoil Chnoc-Iain-Duibh:

Aig taomh an t-saile tha saor a tàmhachd

An laoch chaidh àrach am bràigh na mòinteach.

Chan iarrainn àicheadh ach bhith 's a nàbachd

Tha chiall 's a chàirdeas a toirt bàrr air mòran.

dh'fhàg mi tigh "an laoch chaidh àrach am bràigh na mointeach" agus rinn mi mo rathad chun na seann eaglais, agus nach ann mu dheidhinn an ionaid seo a bha Murchadh Gobha a' labhar nuair a thuairt e:

"Gach latha Sabuinn an Eilean Thabhaigh,

Tha an soisgeul blàth ann, le Maighstir Domhnull."

Tha ballaichean na h-eaglais fhathast nan seasamh gu daingeann mar gum biodh 'na charragh-cuimhne do 'n ghinealaich a tha ag èirigh suas gum b' e seo àite far an robh an athraichean a' cruinneachadh a dh'eisdeachd ri Facal an Tighearna.

Bhiodh e freagarrach an dèidh dhomh bhith 'nam sheasamh aig an t-seann eaglais gum falbhadh mo smuaintean chun an t-seann mhannse. Tha am mansa fhathast 'na sheasamh agus suidhichte anns an àite far an robh Sir Seumas MacMhathain an dùil an caisteal a thogail. Tha eachdraidh air cùl a' mhansa agus nach biodh eachdraidh gu leòr ann ged nach biodh ann ach gun chaidil Mac an t-Sronaich ann uair no dha.

Bha an oidhche a' tuiteam agus bha mi a' tighinn gu cean mo chuairt, ach air an t-slighe dhachaidh bha an smuain ud fhathast air m' aire:

"'S an deanntagach ruadh

fàs suas sa' chagailt bha blath."

This article appeared in the Spring 1963 issue of Gairm

Title: Cuairt air Ceos
Record Type: Gaelic Verse
Gaelic Name: Cuairt air Ceos
Date: 1963
Record Maintained By: CECL
Subject Id: 8490