You are here

The Death of Donald of Luachair (Gaelic)

The Death of Donald of Luachair (Gaelic)

Bha teaghlach mhòr aige Dugall Macamhlaigh air tac Bhreanais. Chaidh a' chiad triuir aca dhan an Oilthigh agus chaidh a màthair a mach a shealltainn orra. Chan fhaigheadh iad air falbh is tighinn ás na bailtean mòra mar a gheibh iad an diugh. Chaidh a màthair a shealltainn orra agus ghlac i a bhana-ghucach agus bhàsaich i. Dh'fhàgadh Dùghall ann am Brèidhnis leis an teaghlach mhòr agus an tac agus cha robh sin furasta dha. Thàinig boireannach òg a cumail an taigh dha agus thuit e leatha agus 's e Dòmhnall na Luachrach a bh'air an leanabh a bh'aca. 'S e athair a thog e agus an uair a dh'fhàs e suas an dèidh dha am balachas a thoirt a mach thug athair dha taca na Luachrach. 'S ann bhuaithe a thàinig feadhainn de Chlann Amhlaigh a tha am Bearnaraigh fhathast agus feadhainn ann an Càrlabhagh agus feadhainn eile.

Cha phòsadh an nighean Dùghall, ged air bith dè bu choireach, ach phòs e rithist tè eile agus bha teaghlach ghillean aige bho'n an tè sin cuideachd. Bha trì Dòmhnallan anns an teaghlach sin agus cha b'e an aon mhàthair a bh'aig duine de na tri Dòmhnallan. Dòmhnall òg 's an bhuaithe tha D.R. Macaulay Medical Officer a th'ann a Liurbost. Chaidh iad a Úig a Leumrabhagh neo a dh'Orasaidh as an t-shean aimsir nuair a bha na h-àirighean aca thall an sin agus chaidh a ruagadh as a sin a rithist gu taobh tuath a Loch. Sin mar a stad iad ann an Liurbost.

'S e duine glè adhartach a bh'ann an Dòmhnall Óg. 'Nuair a bhàsaich e sann a' tighinn an nuas á Loch Thanamamhaigh a bha e agus falamadair an eathair aige na laimh. Latha math, a bh'ann 's iad ag iomradh agus bhàsaich e 'na shuidhe air a' stiùir. Cha do thuit e idir ged a bhàsaich e, feumaidh e bhith gur e tinneas a' chridhe a thàinig air, ach bha e aosda. Nuair a chuala MacNiceal a bh'ann an Carnis, a bha cumail crìochan ris ann an Ceann-Chuiseil, gun bhàsaich Dòmhnall Òg ann am Brèidhnis , 's e a' cheist a chuir e:

"A bheil fhios" ars esan, "na dh'fheuch duine a robh bad de dh'feur Cheann-Chuiseil aige na phòcaid?"

'S e duine eagalach tlachdmhor a bh'ann agus rinn cuideigin amhran dha, cumha, agus bha an t-amhran sin anns a 'Celtic Magazine' ann an Glaschu, timcheall air 1880 neo 1882.

An t-urr. D. Macamhlaigh

 

Title: The Death of Donald of Luachair (Gaelic)
Record Type: Stories, Reports and Traditions
Date: 1762
Record Maintained By: HC
Subject Id: 39025