52695: A’ Ledidh (I)

Reminiscences of John Murdo Morrison, the Ledidh, Gravir.

Se Dòmhnall Moil an t-ainm a bh’air m’athair, se ceannaiche a bh’ann. Dh’fhosgail e bùth shìos ri taobh a’ chladaich faisg air an t-seann taigh-sgoile ann an Grabhair ann an 1901. ‘S ann à Marabhaig a thàinig mo sheanair – Moil – se Murchadh Aonghais ‘ic Ailein a chanar ris. Phòs e Iseabal, sin mo sheanmhair – se piuthar dhith a bha pòsda aig Eachainn Choinnich air croit 43 ann an Grabhair.

Bha m’athair naoi bliadhna fichead nuair a thòisich e air a’ bhuth. Thog e ris a’ chladach i gus am biodh e furasda stuth a tharraing thuice ri taobh na mara. Se fear de mhuinntir Uig am maighstir-sgoile a bh’ann an Grabhair aig an àm sin agus bha nighean òg, Bellann, à Ùig, na searbhant’ aige. Sin mar a thàinig iad còmhla, m’athair agus mo mhàthair, ag obair ri taobh a chèile. Phòs iad, chuir iad lobhta dhan a’ bhùth agus bha iad a’ fuireach innte gus na thog iad taigh ùr air a’ chroit shìos anns an ‘Tom’ air croit 44. ‘Sann os cionn na bùtha a chaidh a’ mhac bu shine, Murchadh Ailig, a bhreith.

‘S ann à Tolastadh a bha athair mo mhàthair, Murchadh Buidhe, agus bhuineadh a màthair do theaghlach ‘ic Neacail, a bh’ann an Crowlista agus a chaidh a dh’ fuireach a Steòrnabhagh fo dheireadh. Se fear den teaghlach ‘ic Neacail sin a thog an taigh ùr anns an Tom. Se snaidheadair a bh’ann, uabhasach grinn le làmhan, a’ bristeadh, a’ glanadh agus a ‘gleansadh na cloiche. Tha cuimhn’ agam fhìn air an taigh a bhith ga togail, na ceanglaichean rùisgte mus deach a mullach air.

Se bùth mhòr a bh’ann am bùth Dhòmhnaill Moil anns na làithean ud. Bha a h-uile seòrsa rud innte – bolaichean flùr agus coirce, pocannan mòr siùcar, bran, aodach ‘s a h-uile goireas eile bhiodh daoine a’ feumach. Bha i fosgailte fad an latha, gu aon uair deug a dh’oidhche, ‘s bhiodh daoine a’ falbh ‘s a’ tighinn aiste fad na h-ùine. Bha tòrr daoine a’ fuireach anns a’ bhaile an uair sin, teaghlaichean mòra le suas ri deichnear anns gach dachaigh. Bhiodh dithis ag obair anns a’ bhùth Dihaoine agus Disathairne, ‘s iad a’ dol mar am beath’ airson cumail an àirde ris an t-sluagh a bha a’ tighinn a-mach ‘s a-steach aiste. Leis gu robh an sgoil ri taobh na bùtha, bhiodh a’ chlann a-mach ‘s a-steach aiste fad na seachdainneach cuideachd.

Cha robh rathaidean ann an uair sin agus ‘s ann ann am bàtaichean, a-null air a’ mhuir eadar Steòrnabhagh agus Grabhair, a bhithear a’ toirt stuthan a-steach dhan bhaile. Bha bàt’ aig m’athair airson a bhith a’ dèanamh seo. Fhads a bha e a’ ruith na bùtha bha trì bàtaichean siùil aige, ‘City of Rome’, ‘Touch Me Not’ agus ‘Stella Matina’. ‘Se ‘Jessie’ am t-ainm a bh’air am bàta fo dheireadh a bh’aige, ach bha einnsean anns an tè sin.

Bha coignear bhalach anns an teaghlach againn – Murchadh Ailig, mi fhìn, Ailig P., Dòmhnall Iain agus Dòmhnall Beag. Bhàsaich mo mhàthair nuair a rugadh a mac a b’òige, Dòmhnall Beag. Cha robh i ach 33 agus bha mise seachd bliadhna dh’aois. Tha fìor chuimhne agam oirre, am broinn an taigh ag obair agus a’ coimhead an dèidh an teaghlach.

Bhàsaich m’athair ann an 1937, aois 65. Bha e air a bhith tinn airson còrr is dà bhliadhna agus bha e air a dhol a mach dhan a’ "Western Infirmary" ann an Glaschu airson opairèisean. Bha e air pòsadh airson an dara uair agus bha teaghlach eile aige, dithis nighean, leis an dara bean.

Se Murchadh Ailig a bha a’ ruith na bùtha an uair sin, troimh àm a’ chogaidh suas gun a thill Dòmhnall Iain dhachaidh às an Nèibhidh nuair a bha an cogadh seachad. Bha i air ruith sìos, ach thòisich Dòmhnall Iain a’ buidsearachd agus a’ dol timcheall nam bailtean a’ reic feòil agus grosaireachd le bhan. Bha àireamh an t-sluaigh ann an Grabhair air a dhol sìos gu mòr agus dh’fheumar a dhol timcheall air na bailtean eile cuideachd airson bith-beò a tharraing às. Se sin a dhùin a’ bhùth fo dheireadh, còir is leth cheud bliadhna an dèidh dhith fosgladh an toiseach – dìth dhaoine, agus na bhanaichean.

Chaidh an rathad eadar Tàbost agus Bail-Ailean fhosgladh ann an 1926 agus an ath bhliadhna rithist fhuair sinn ‘Ford 7-seater bus’ agus thòisich mo bhràthair Murchadh Ailig dha ruith eadar Grabhair agus Steòrnabhagh. Cha robh e fada gus na thòisich mi fhìn a’ draibheadh agus ‘s e a chòrd rium. Chuir mi seachad faisg air dà fhichead bliadhna a’ falbh ‘s a’ tighinn, ach ‘b iad sin na bliadhnaichean a chaidh seachad aithghearr.

Bha geat’ aig ceann baile, aon mhìle deug eadar seo ‘s Steòrnabhagh. Bhiodh na paiseandairean dha mo chuideachadh ach uaireannan bhiodh mi nam aonar, agus bha iad a’ cur màil mhòr orm. Bhithinn a’ falbh air feadh an eilein, leis a’ bhus a’ cur thairis le daoine. Eadar òrdaighean, bainnsean, tiodhlaicean agus "excursions" bha iad dha mo chumail a’ dol. Dheidhinn a Steòrnabhagh a thoirt dhachaidh na ciste, agus bhithinn a-rithist a’ dol leis an tiodhlacadh chun a’ chladh. Nuair a bha pòsadh ann bhiodh agam ri dhol timcheall a thoirt sluagh às na bailtean chun na bainnse. Thigeadh a’ bhean òg còmhla rium airson latha mòr a Steòrnabhagh a cheannach stuth na bainnse. Gheibheadh i fàinne air trì tasdain ann am bùth MacGillveray agus cliabh ann am bùth ‘An Cruaidh. Bhiodh i riaraichte gu leòr le sin.

Bho thòisich sinn an 1926 bha sinn a’ ruith a’ bhus greis mhath mus d’fhuair daoine cleachdte ris. Bha e a’ cur dearg eagal am beath orra nuair a chluinneadh iad am bus a’ tighinn agus bha tòrr ac’ a’ dèanamh às dha na cnuic. Bha feadhainn eile fàidheadaireachd aig na h-uinneagan neo goradaireachd timcheall nan dorsan nuair a bhiodh am bus a’ dol seachad. Cha smèideadh iad riut idir, mar a nì iad an-diugh.

A’ chiad ceithir bliadhna, suas gu 1930, se muinntir Cheann a’ Loch a bha dha mo chumail a’ dol. Thug e an ùine sin mus d’fhuair sinn air sluagh nam bailtean againn fhìn a thàladh a-steach. Bha iad cho eòlach air a bhith a’ dol a Steòrnabhagh air na bàtaichean, ‘s bha an t-slighe na bu ghiorra dhaibh, ‘s cha robh iad a’ faicinn adhbhar airson an dòigh beatha aca atharrachadh. Mar as tric a thachras ‘se na boireannaich a thòisich a’ tighinn thugainn an toiseach, a bhriseadh an t-seann chleachdadh. Bha iad sgìth de dhroch thìde agus cur na mara agus aon uair ‘s gun tàinig tè neo dhà cha robh e fada gus an deach facal timcheall agus bha an t-seirbhis a’ fàs agus a’ soirbheachadh bhon latha sin. Se Marabhaig am baile fo dheireadh a chum a’ dol a Steòrnabhagh air na h-eathraichean, ach bha tòrr bàtaichean ann an sin agus cha robh an t-slighe ro fhada.

Aig toiseach na 30s bha na busaichean a’ fàs nas lìonmhor air feadh gach sgìre agus bha àireamh math dhiubh a’ tighinn a-steach a Steòrnabhagh gach latha. Air na Lochan, bha fear aig Dànaidh agus Calum Mòr ann an Crosabost. Anns a’ sgìre againn fhìn bha fear aig Seonaidh Angaidh agus Seonaidh Ciorstaidh ann a Leumrabhagh. Se ‘Ford Chassis’ a bhiodh iad a’ faighinn agus bhiodh iad a’ togail bucais air an uachdair, le còmhdach canabhais tarsainn air a mullach. Cha robh uinneagan annta agus bha ‘n deireadh fosgailte, le dà stòl mhòr sìos fad a cliathaich gus am b’urrainn daoine suidhe orra.

Se solais ‘charbide’ a bha a’ soillseachadh ar slighe dhuinn anns an dorchadas – iad sin coltach ri coinneal ann an crogan. Cha robh iad glè shoilleir ach chitheadh carbaid eile a’ tighinn thu co-dhiù. Bha an einnsean làidir gu leòr airson rathad dìreach, ach bha e slaodach dha-rìreabh air na leathaidean. Bha iad ag innse dhomhsa gu ‘m biodh Calum Mòr a’ tighinn a-mach às a’ bhus aig bonn nan leathaidean agus a’ coiseachd suas ri thaobh gu ruigeadh e mullach. Bha e cho mall ri sin.

Bha daoine a’ gabhail uamhas an toiseach gum feumadh iad pàigheadh airson an turas a Steòrnabhagh, seach gu robh e an asgaidh air na h-eathraichean. Tha cuimhne agam air bean Iain ‘an Eachainn, boireannach èibhinn, dàimheil, a’ tighinn air a’ bhus ann an Tàbost aon mhadainn agus nuair a chur mi a-mach mo làmh airson a’ faradh thuirt i rium, "Teann air falbh leis a’ spòg sin, tha i mar nead starraig, dha cumail ri aghaidh a h-uile duine".

Mar a bha an tìde a’ dol seachad thòisich daoine a’ fàs cleachdte ri na busaichean. Bha iad measail air a liuthad seirbhis agus cuideachadh a bha iad a’ toirt a-steach nam beatha. Thòisich feadhainn eile air an uair sin – balaich ‘Bess’ ann a Leumrabhagh, Murchadh Ceannadaidh ann an Orasaigh, Aonghas Dhòmhnaill Òig ann an Grabhair, Iain Sheonaidh Ruaraidh ann an Marabhaig, Dòmhnall Fhionnlaigh ann an Cromòr agus Murchadh Alasdair Sheumais ann an Tàbost. Bha Mitchell a’ ruith seirbhis cuideachd airson greis, ach aig a’ cheann fo dheireadh cha do lean duine ris an obair ach mi fhìn agus Seonaidh Ciorstaidh.

Bho meadhan na 30s suas gus na thòisich an cogadh ann an 1939 bha daoine a’ cur feum mhòr air a’ bhus. A bharrachd air na bha a’ siubhal a-mach ‘s a-steach às a’ bhaile bha tòrr de na fir a’ falbh agus a’ tighinn air a’ stiomair – eadar an iasgach, seòladh agus an ‘Reserve’. Bha grunn chlann-nighinn a’ siubhal cuideachd, a’ dol air mhuinntireas neo chun an iasgaich – clann-nighinn a’ sgadain le na cisteachan mòra trom a bhiodh a’ falbh nan cois. B’ fheudar dhomh dà thuras a dhèanamh a-null a Steòrnabhagh an latha a bhiodh sgioba chlann-nighinn a’ falbh airson a’ cheud turas leis na cisteachan gu stòr na stiomair. Bhithinn an còmhnaidh a’ tarraing asda gu robh iad a’ toirt leotha rudeigin nach bu chòir dhaibh leis cho trom sa bha iad. Tha mi smaoineachadh gu robh iad a’ toirt leotha bollaichean mine agus soithichean airson còcaireachd nuair a ruigeadh iad a’ Bhruaich, Ceann Phàdraig, Lowestoft, Yarmouth neo Sealltainn. Co-dhiù, bha iad glè mhath air sin a chleith – an stòras a bha ‘m broinn na ciste. Air an dàra turas bhithinn a’ dol troimh na bailtean a’ togail a’ chlann-nighinn iad fhèin. Se latha aotrom, aoibhneach, toinisgeil a bha sin, le cleasachd, gàireachdainn ‘s fealla-dhà gun sguir. Bha iad uamhasach toilichte agus càirdeil a-measg a chèile ged a bha beatha chruaidh a’ feitheamh orra nuair a ruigeadh iad an ceann-uidhe. Bha feadhainn aca a’ leantainn ris an iasgaich airson ùine mhòire, a leithid Sìne agus Màiri an ‘Time’ an Cromòr agus Anna Ruadh is Dolag Màiri ann an Grabhair.

part two

Comann Eachdraidh na Sgire Pairc

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Type Of Story Report Tradition:
Reminiscences
Record Maintained by:
CEP