66217: Aonghas Beag, Breidhnis

Seanchas mu dheidhinn Aonghas Beag, mac Dhòmhnaill Càm a chaidh innse leis an t-urramach Macamhlaidh

Bha an cogadh a dol bliadhnaichean agus am marbhadh eadar Clann Ic Leòid, Clann Choinnich agus na Moireasdanaich agus an dèidh dha Clann Choinnich an t-eilean fhaighinn mu dheireadh dhaibh fhèin agus thàinig sìoladh de shìth dhan an eilean an uairsin. Ach cha tugadh fir Ùig gèill do chlann Choinnich idir gu h-àraidh am fear a bha air an ceann – Dòmhnall Cam. Cha b e Sìthphort a bhann ach MacCoinnich eile – bha Sìthphort airson sìth anns an eilean. Bha Oighreachd mhòr aige air a’ mhòr-thìr agus ‘s e a’ siamarlan a bha aige air a mhòr-thìr duine uasal eile ris an canadh iad Alasdair MacCoinnich, Achilty de theaghlach uasal. ‘S e daoine den seòrsa sin glè thric a bha nan siamarlan, gu h àraidh anns na h-oighreachdan mòra. Bha Sìthphort agus clann Amhlaigh air a bhith cogadh cho fada agus mu dheireadh thàinig e gun cho-dhùnadh nach dèanadh iad rèite a chaoidh. Thug e a nall Alasdair MacCoinnich gus an tigeadh e gu Dòmhnall Cam airson Cùmhnant sìth a dhèanamh ris.

‘S e an cumhnant a bha e a dol a dhèanamh ri Dòmhnall Cam, gum faigheadh a h-uile duine a bhann an Ùig an talamh mar a bha iad roimhe seo bho Mhacleòid agus nach cuireadh duine dragh orra a chaoidh fhad ‘s a dhèanamh iad sìth ri Clann Choinnich. A thuilleadh air a sin, gun toireadh Achilty a nighean aige do mhac Dòmhnaill Chaim airson a pòsadh. ‘S I seo Anna

A dh’aindeoin ‘s na rinn Alasdair Achilty thionndaidh Dòmhnall Cam sìos a h-uile càil agus thubhairt e nach dèanadh esan rèite ri Clann Choinnich a chaoidh. Nuair a chuala a mhac Aonghas, gun dhiùlt athar a h-uile càil agus gun chaill e fhèin nighean duine uasal airson a bhith aige na bean, sann a dh’fhalbh e gun fhios dha athar, an dèidh Alasdair Achilty sìos gun a’ Riobhadh; bha e dol a dh’fhaighinn an aiseag an null a Chalanais. Rug e air Alasdair Achilty shìos air a Riobhadh agus rinn e ris an cùmhnant a bha air a thairgse d’a athar; bha athair air fàs aosda, ‘s e Aonghas beag bu shine.

Rinn e cùmhnant ri Alasdair Achilty air a Riobhadh agus fhuair muinntir Ùig agus Clann Amhlaigh an talamh mar a bha iad roimhe sin agus fhuair e an nighean airson a pòsadh. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin a’ cheud pòsadh a bhann an eaglais ann an seo airson ùine mhòr. Seach gur e nighean duine uasal a bh’ innte, dh’fheumadh pòsadh cunbhalach, ceart a bhith ann. Airson ùine mhòr roimhe seo, cha robh pòsaidhean an eaglais, ach thòisich iad an uair ud. ‘S i sin a’ bheann dligheach a bh’ aig Aonghas Beag; bha iad am Brèidhnis.

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Type Of Story Report Tradition:
Story
Record Maintained by:
CEU