You are here

Making my own fishing buoy - Gaelic version

Making my own fishing buoy - Gaelic version

Fionnlagh Maciomhair à Cairishadar Uig a bruidhinn ri Magaidh Nic a' Ghobhainn.
Tha dealbh an cois seo, Fionnlagh agus puta iasgaich a rinn e bho chionn fhada, a tha an-diugh anns an taigh tasgaidh ann an sgire Uig. Chaidh seo a'chlàradh anns an t-Iuchair 2004.

M: Tha mi a tuigsinn gur e sibh pèin a rinn am pùta a tha seo, cuin a rinn sibh e?

F: 'S ann air nach robh fhios agam dè a bha romham, cha robh mi ach mu shia deug no seachdeug . Bha mi dèigheil air a bhith a-muigh ag iasgach 's
a-muigh le lìon bheag ..bha putan duilich a faighinn, bha iad ro dhaòr 's gu math trìc bha iad ro mhòr . Bha sruth ann...'s dh'fhalbhadh iad leis a chlaiche agad. Bha thu deanamh na putan agad fhein gus nach biodh iad ro mhòr. Thòisich mise air fear. Bhathas ag innse dhomh de mar a dheanainn e. 'S e a'chiad rud cracan mòr mùilt fhaighinn. Mùlt mòr 's an craiceann aige a chumail .. a spionnadh 's a chlòimh a thoirt dheth. 'S an uairsin tòiseachadh ga chuirigeadh a cuir salainn air ..agus a rud a bhiodh aca airson cartadh lìon sgadanach. Lìn chotain a bha aca an uairsin 's dh fheumadh iad a bhith gan cartadh trìc no breòthadh iad orra.

M: Cò leis a bha iad gan cartadh?

F: Bha le rùsgan chraobhan cha chreid nach ann bho taobh a Spainn no Portugal a bha e tighinn. 'S e 'bark' a bhiodh aca air. Bùirn teth 's bhiodh iad a cuir an sùgh a bha seo ann. Nuair a dh' fhuaraicheadh sin bha mise a cuir
a' chraicinn ann. Bha thu cuir na lìn ann air a bha e fhathast teth ach cha b'urrainn dhut an craiceann a chuir ann. Bha mi ag obair air a sin airson ùine mhòr gus an dh'fhuair mi air a chuirigeadh. 'S e an uairsin pìos maide fhaighinn agus cumadh a thoirt air, ach am biodh an craiceann cruinn.

Dh'fheumte toll a chuir troimhe, cha robh agamsa a chuireadh toll troimhe ach bodhta teth às an teine.. ach chaidh agam air a dheanamh le cuideachadh bho m'athair ....Bha an uairsin agam ri timcheall amhach a' phuta a cheangal. Bha thu a fagail oir air ceann a' phuta ach a' teannaicheadh tu leis an t-srang e. Bha thu a cuir air an t-srang ,an aon seòrsa sa bhiodh air an lìon bhig. Chuireadh tu air tiorram i, ach nuair a chuireadh tu dhan uisge i bha an srang a bha sin, a teannachadh cho teann nuair a dheidhidh a'fluicheadh.

Cha robh e ag iarraidh mòran gaoth a chuir ann airson a chumail air uachdar ann, dheanadh glè bheag a chuis. Cha robh am puta ro mhòr airson a bhith a slaodadh na cruaidhe ach bha tòrr obair ann. Gu math tric bhathas a faighinn na lìn air an deanamh. Bha tòrr obair ann nam bhiodh tu a dheanamh lìon beag. A rèir 's cò às a thigeadh a lìon beag, bha feadhainn 's bha trì dubhan chun na h-eathamh, bhiodh fear agad as gach làmh 's fear eile aig do bhroilleach... bha trì dubhan air cuid ach feadhainn eile cha robh.. chan fhaigheadh tu ach na dhà .. bha iad sin na b'fheàrr, gu h-araid ma bha an t-iasg pailt ....'s an dubhan a bhith faisg air a cheile 's iad a bha a cunntadh.
Bha rithist an rud air an robh an dubhan 's e sin an t-snòta. Agus 's ann à earball nan each.. 'S ann à sinn a bhathas a dèanamh na snòta. Na h-uiread dhith air a toinneamh.

Tha cuimhne agamsa na h-eich 's bha tòrr eich anns a' sgìre, chan fhaiceadh tu ginn a d'each le earball fad air, bha iad gu lèir air falbh airson a bhith a deanamh snòtaichean. Bha dòigh air a dheanamh. Dheanadh iad air an gluin iad. Bha feadhainn tiodidh snoc aca air an dèanamh.

M: An robh cuid de na lìn a tighinn le na dubhan?

F: Thigeadh na lìn le na dubhan ach bha thu a càll dubhan gach uair a dheigheadh tu mach agus gu h-araid nam biodh biorrach ann. Nam biodh biorach ann dh'itheadh i an t-iasg agus an t-snòta, bha a h-uile càil a bha ann a falbh. Bha leòman dona gu bhith ag ìthe na snòthtan sin. Dh'fheumadh tu a bhith cinnteach nach biodh leòman a' faighinn dhan bhascaid lìon sgadain air no dh' itheadh i na snòtaichean ort.

M: De mar a bha sibh a faighinn air an cumail as?

F: Bha le pàipearan. Bhiodh tu a cuir pàipearan air a h-uachdair. Bhiodh a h-uile daoine an uairsin....chitheadh tu lìon bheag crochait a-staigh ach am biodh e tiorram. Bha iad glè fhaicealach. Agus eagalach faicealach gum biodh a lìon beag air a thiorramachadh. 'S e cotain a bha innte 's breòthadh i 's bhiodh i leòite. Bhiodh e gu math tric crochait a-staigh anns a'cheoidh faisg air an teine.

M: Dè an t-àm den a'bhliadhna a bhiodh iad ag iasgach?

F: Bha iad ag iasgach fad na bliadhna cha robh moran ga dheanamh as t-earrach. ach bha iad uamhasach dèigheil faighinn a-mach anns a' gheamhradh ..mach suas eadar 's a Bhliadhna Ur. 'S bhiodh an uairsin speilean de thìde reòithe ann. Tha cuimhne agam na mo bhalach a bhith a dol a mach còmhla riutha. 'S bhiodh iad a dol fada mach bha iad a' faighinn adagan mòra a-muigh a sin. Bha iad math airson a sailleadh bha iad miorbhuileach math .. rud air a bheil Jumbo Haddock aca an-diugh. Bha iad a-muigh a suid gu math paillt a-muigh far a Ghallan.

M: Am biodh iad a glacadh an èisg dhaibh pèin no am bhiodh iad ga reic?

F: Cha robh iad ga reic idir. Nuair a thigeadh iad gu tìr leis a sin, cha bhiodh duine as a bhaile air fhàgail gun ìasg ùr ro dheireadh a làtha. Bha iad a sailleadh na h-adaig, 's an uair sin ga togail 's ga tiorramachadh .

M: Dè cho fada 's bhiodh i anns an t-shalainn ?

F: Cha robh i fheagaileach fada anns an t-salainn idir aca. Bha iad ag radh nan tugadh thusa an t-sùil às an adaig. Na ghabhadh an dà shùil sin do shalainn, agus chaneil sin ach slochd beag air gach taobh. Gun dèanadh sin a chuis airson an adag a shaileadh. Nan cuireadh tu cuis ann 's ann a dhèanadh tu ro shailte e. Bha iad an uairsin gan crochadh air an t-sìaman. Anns a'gheamhradh bha e air an t-sìaman a-staigh bha e lethach air a smòcaigeadh anns a' cheoidh. Bha an t-iasg sinn gan cumail a dol a-mach as t-earrach . Bha iad gan cuir am bogadh an toiseach airson gun toireadh e as pairt den shalainn. Bha iad glè mhath 's glè bhlasta agus glè mhath air a bha an t-acras air daoine.

Tha cuimhne agam a bhith a cluintinn 's ann mu àm mhac an t-Srònaich a bha ann. An aon rud a-rìamh a chuir eagal air Mac an t-Sronaich . Dòmhnall Ruadh Beag a bha ann an Einicleit a chuir feagal air . Bha Mac an t-Srònaich ann am Maola Chaolartain 's bha e a faicinn a rud seo a dol sìos a ghualainn a deas, taobh na Beinne Deas, sìos a rathad a bhiodh duine a gabhail a Thamnabhaigh . Bha Dòmhnall Ruadh Beag a dol le lìon sgadanach air a mhuin 's iad a faighinn sgadan ann an Loch Thamnabhaigh. Bha e leis a lìon sgadanach a bha seo air a mhuin 's cha robh Mac an t-Srònaich a' faicinn càil ach a rud beag cruinn dubh a bha seo agus Dòmhnall Ruadh beag casa ruisgte ...na rudan beaga geala a bha seo a gluasad bhon a cnàp dhubh. Cha robh e a tuigsinn de....bha dùil aige gur e an Satan fhein a bha ann. Ghabh e feagal 's cha deach e an taobh a bha e. Tha air a' radh gur e Dòmhnall Ruadh Beag an aon duine a-riamh a chuir eagal air Mac an t-Srònaich.

Bha iad a dol a-mach leis a lìon sgadan, bha iad a faighinn a' sgadain ann an Loch Thamnabhaigh agus an àite a bhith a' tighinn a-steach leis a' sgadan ùr chun na taighean, sann a thug iad a-mach an t-salainn agus bha iad a' saileadh a sgadain ann an tuill rèisg a-muigh faisg air Loch Thanmabhaigh ann a shin.

Far a faigheadh iad tom far an sruthadh am bùirn dheth, bha iad a deanamh toll ann, agus a' saileadh a' sgadain ann, gu faigheadh iad tìde a-rithist airson a dhol a-mach a dh'iarraidh a' sgadain shailte sin. 'Se sgadan beag a bha ann ach tha coltach gu robh e math. Bha iad ga shaileadh anns a' riasg agus a cuir na sgrathan air uachdar a rithist, agus man a bha e aca air a dèanamh ann am mullach tom reisg bha am bùirn a sruthadh dheth, bha e ga chumail tiorram 's cumaidh a' riasg rud sam bith mar a theid e ann.

Ach a' chiad chuimhne a tha agamsa, bha iad a dol chun a Ghallan an tòir air a' sgadan. Bhiodh iad a' tighinn às a h-uile àite. A nall à Carlabhagh 's Bearnaraigh 's bha iad ga fhaighinn deireadh August September mas spanigeadh e, mas deidheadh iad 'spent'. Bha iad a saileadh a h-uile aon dhan fheadhainn sin. Ghabhadh iad salainn dhaibh an uairsin man àm sin a bhliadhna. Na faigheadh iad a' sgadan bha sin gan cumail airson a' gheamhraidh . Man a bhiodh rud sam bith eile ann bha sgadan ann.

Cha robh an fheòil cho pailt an uairsin 's tha i an duigh. Cha robh na muilt cho pailt, 's bharrachd air a sin nam biodh na muilt ann, bhiodh iad a feumachainn an t-airgead. 's bha iad a' feuchainn ri airgead a thoirt às na muilt. Bhiodh iad a reic a rud a b'urrainn dhaibh airson beagan airgead fhaighinn. Bhiodh feòil ann, ach tòrr den fheòil cha robh ann ach seann chaoraich. Ach an dèidh a' chogaidh cha robh sgadan ri fhaighinn a-muigh air a Ghallan ann. An dèidh a chogaidh sann a bhiodh 's docha da thaigh a' faighinn leth bharaile de sgadan Loch Fìn. Dheanadh iad dà leth air 's chumadh sin dà thaigh a dol fad a gheamhraidh. Bha sin gan cumail a dol fad a' gheamhraidh gus an toisicheadh an t-ìasg a' tighinn a rithist as t-earrach . Mach as t-Earrach bhiodh an iasg a bhathas a tiorrmachadh shuas ann an Iceland, bhiodh sin a tighinn 's bhiodh e tighinn na bhundalan mhòra, a h-uile aon aca ceangailte air earball. Bhiodh iad crochaite anns na bùthtean. Gheibheadh tu trosg ann 's gheibheadh tu troilleachan ann. Nuair a dheigheadh tu ann cha robh thu ach a tàghadh a bheathach a bhiodh tu fhein ag iarraidh, ga ghearradh ann a sin 's fagail an t-earbail as a dheidh. Bhiodh e cho geal 's bha e math ga rireabh 's se a bhiodh an comhnaidh aca aig àm buain na mònadh. As bith càite an deigheadh tu a bhuain na monadh chan fhaighead tu but feòiladh ach gheibheadh tu an t-iasg ud 's e bha math le bunata math.

n Deireadh

Title: Making my own fishing buoy - Gaelic version
Record Type: Stories, Reports and Traditions
Record Maintained By: CEU
Subject Id: 8597