8727: The Pictures: a Poem for Comunn Eachdraidh Uig

This poem was written when Comann Eachdraidh Uig was set up. There is an account of the kinds of pictures gathered and the memories those pictures stirred in people.

Na Dealbhan

A faca sibh na dealbhan chaidh a lorg air feadh Sgir’ Uig
Bha taisgte anns na dràthraichean aig cairdean le deadh mhùirn
Bha iad de gach seòrsa ann ‘s an òige mar an aois
Gach tè le seanchas fhèin aice ann glèidhte bho ar sùil.

Don fheadhainn aig na d’fhuireadh iad, tha luach nach gabhadh inns’
Cha cheannaicheadh òr no airgiod iad ‘s cha ‘n ainmeachair am prìs
Thog iad sgòd den chùrtair a bha duint’ orra an tìm
‘S dh’ùraich iad ar cuimhne air a’mhuinntir ud a rìs.

Na b’aithne dhuinn nar n’òige ‘s a bha còmhla rinn a’fàs
A ruith ‘s a’mire ‘s a’ spòrsa leinn ‘s gun sgòth air grian ar là
Tha’n cuimhne dhuinn mar bhruadar ‘s fhada bhuainn iad aig an tràth-s
‘S gun duisg iad annain cianalas nam bliadhnaichean a bha.

Càit’ an deach na bliadhnaichean a shioladh às mar cheò
Na seachdainnean ‘s na mìosan chaidh à fianuis aig bun sgòth
A shiùbhail don an t-siorruidheachd, gach tè a’sniomh a sgeòil
‘S cunntas air ar gnìomharan dol sios ‘s an leabhar mhòr.

Bha mòran sluaigh ‘s an àite seo, mun tàinig linn nan dealbh
Mar bu tric a chuala sinn gu minig a’luaidh an ainm
Chaidh am fuadach às an nàbachd, gu gach cearnaidh fon a’ ghrèin
Le ana-ceartas nan uachdaran airson buannachd dhaibh fèin.

Am beagan a chaidh fhàgail dhiubh bha sàs air muir ‘s air tìr
Gu dìchiollach tighinn beò gun moran stòr no nì
Bha uaisleachd nan nàdur ‘s an làmhan cha robh clì
‘S ged dh’fhalbh iad, dh’fhag iad làrach am beath’ air tràighean tìm.

Ged bha stoirm na beatha’ a’seideadh orr’ bha’n ceum air slighe chruaidh
Bha neart aca nach gèilleadh iad, bu treun iad anns an uair
Na chuir a mach an acair anns a’charrag sin nach gluais
Ged bheireadh sruthan crathadh orr’ bha tac aca bho shuas.

Chaidh an comunn aca a’ sgaoileadh mar osag gaoith troimh’n fheur
Bha beath ‘s bàs dol taobh ri taobh ‘s an t-saoghal seo a riamh
Gach ginealach a dh’eirich nuair thàinig an rèis gu crioch
Dh’ fhalbh iad mar an sinnsearan, sruth tìm a’ ruith gu dion.

‘S duilich gu bheil an cleachaidhean ‘s an eachdraidh oirnn air chall
Ach criomagan beul-aithris thug na seanairean don chloinn
Mun chagailt ‘s iad ag innse dhaibh, cha do sgriobhadh e le peann
Na thachair anns an sgìre seo ‘s bho shìnnsireachd gun cheann.

Nan greimicheadh na chuala sinn ‘s a chaidh troimh chluas ar cinn
Mu shloinntearachd ‘s mu dhualchas bha cuairteachadh nan linn
Tha ‘r cruthachadh cho criochnaichte ‘s g’eil dìochuimhne nar gnè
‘S gann gun cum sinn cuimhne air na thachair rinn an dè

Rinn iad dìleab eile fhàgail againn ar cànan ‘s ar ceòl
As fhiach a h-uile dichiol agus strì a chumail beò
‘S a’chainnt a bh’aig ar mathraichean gun ghnàthaich sinn le uaill
‘S togaidh sinn ar brataichean le moit gan crathadh suas.

Tha atharraichean gu cinnteach agus linn bho linn a’fàs
Ach chan atharraich cnuic no glinn ann no mais nam beanntan àrd
Bi na machraichean cho bòidheach ‘s na seòraichean ri fàs
Fhad’s a dh’èireas grian air Suainabhal ‘s a bhios tuinn a’ bualadh tràigh.

Le Ciorstaidh Ann NicAoidh ,Cradhlastadh agus Steòrnabhagh

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Record Maintained by:
CEU