You are here

Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich

Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich

A song written by John Macdonald "Iain Ban" of Bosta for his brother Donald when he was courting Marion "Mor a Cheannaich"

Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich:

'S iomadh rud tha dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mun dèanainn banais,
's iomadh rud tha dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mun pòsainn.

Sèist: Fàinneachan is grìogagan bheirinn fhìn do Mhòr a' Cheannaich,
fàinneachan is grìogagan bheirinn fhìn do Mhòraig.

Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir air Mòr a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir air Mòraig.

Aonghas Mac a' Phìobaire 's e fhèin a' strì ri Mòr a' Cheannaich,
Aonghas Mac a' Phìobaire 's e fhèin a' strì ri Mòraig.

Dh'òladh sinn is dhannsadh sinn air oidhche banais Mòr a' Cheannaich,
dh'òladh sinn is dhannsadh sinn air oidhche banais Mòraig.

Dh'aindeoin 's dè na chuala mi cha toir mi fuath do Mhòr a' Cheannaich,
dh'aindeoin 's dè na chuala mi cha toir mi fuath do Mhòraig.

Another version:

Tha Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir air Mòr a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir air Mòraig.
Tha Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir air Mòr a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir air Mòraig.

I bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòr a' Cheannaich,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòraig.
I bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòr a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir air Mòraig.

Cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mun dèanainn banais,
cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mum pòsainn.
Cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mun dèanainn banais
cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mum pòsainn.

I bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòr a' Cheannaich,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòraig.
I bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòr a' Cheannaich,
cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mum pòsainn.

Dhannsainn is ruidhlinn fhìn air oidhche banais Mòr a' Cheannaich,
dhannsainn is ruidhlinn fhìn air oidhche banais Mòraig.

Title: Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
Record Type: All Records
Gaelic Name: Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
Record Maintained By: CEBL
Subject Id: 14523