You are here

Amhran Ruaraidh Aonghais Oig

Amhran Ruaraidh Aonghais Oig

John Smith, the bard from 18 Kirkibost, was returning from Stornoway with some friends and required a ferry across to Bernera. They approached Roderick Maclennan, a merchant from Newpark, Callanish who sold his goods by boat around Loch Roag, and requested a ferry home. He replied that he would accommodate them if they paid him half a guinea (a sizeable amount in those days), or John composed a piece of bardachd for him before they reached the other side. This was the ferryman's payment.

AMHRAN RUAIRIDH AONGHAIS OIG
Thèid mi nis an ceann mo sheanchais
Man a dh'fhalbh sinn air son aiseag -
Nì nach robh farasd ri fhaotainn
Ged a shaothraich sinn gu feasgar
Chaidh mi dh'ionnsaidh obhnair bàta
Bha gu stàtail aig a dhasga,
'S gann gum bruidhneadh e rium Gàidhlig
Ach na fhàrdaich cha do stad sinn

Ach na fhàrdaich cha do stad sinn
Ged a thachair dhuinn dhol innte.
S ann a chaidh an triùir na fhabhar
Gus an bàta thoirt a null leinn -
Cha robh bloca fon a' ghrèin innt
'S cha robh sèibh am bàrr a' chruinn aic,
Cha robh siot na bile sheòl innt
'S i na laighe 'n Tòb na Muilne.

'S i na laighe 'n Tòb na Muilne,
Aig bun an uillt a bha i tàmhachd,
Le trì fichead car ma cuinnlean
Chaidh a dhaighneachadh sa Mhàirt oirr,
Chon nach teidheadh i chaoidh a sheòladh,
No gu Dogger Bank gun phàigheadh
'S nach fhaigheadh duine dhan a' steerage
gus an riaraichist an t-àidseant.

Gus an riaraichist an t-àidseant
Ghabh a cheàrd a bhith ri 'g aiseag -
S a liuthad latha fliuch a ghluais e
'N aghaidh fuaradh is cruaidh fhrasan.
'S ged bu chulaidh i bha siùbhlach
'S ann ga stiùireadh bhiodh an gaisgeach
'S ged a dheidheadh a' chrois oirr ìosal,
Cha bu mhiann leis bhith san fhasgadh.

Cha bu mhiann leis bhith san fhasgadh
ged a thachair e sa bhùth rium.
'S iomadh latha thug mi-fhìn innt
Ged a thug mi sgrìob an taobh-sa.
Bha mi riamh a' cleachdadh sgrìobhaidh
'S thòmhsinn gu math ìm is siùcar,
Ach 'se mo bheachd-s' air fear a bhata
Gu bheil tread as fheàrr na shùilean.

Gu bheil tread as fheàrr na shùilean
Na gun umhlaicheadh e dhomhsa,
Ged a bha mi greis bhom dhachaidh,
'G iarraidh thairis gu luchd m'eòlais.
Thug e speil air cluich a mhiaran
'S as a bhial cha tigeadh còmhradh
'S e ri 'g obrachadh air tèabail
Bha ri sèileachadh ron Dòmhnaich.

Bha ri sèileachadh ron Dòmhnaich
Le peana mòr a ghoib iarainn -
Ann an rùlachan subtraction
Bha mo charaid air a phianadh.
Bha chuid mhapaichean an òrdugh
'G innse dòigheannan struth-lionaidh
Man a bh' aig gach caiptean seòlaidh
Eadar Dover agus Grianaig.

Eadar Dover agus Grianaig
Chan fhacas a-riamh do shamhail.
Nam bitheadh tu fada ri seòladh
Gheibhedh tu le còir oirr soitheach;
Dheidheadh tu dhan an Anchor Line
'S bhiodh seoldairean a' Chlyde gad fheitheamh
'S gheibhist òrdugh bho bhrids-àrd
A chuireadh an luchd-ceàrd nan seasamh.

A chuireadh an luchd-ceàrd nan seasamh,
'S bhiodh do mharaichean ag èisdeachd
' S iad gu h-àrd air bhàrr nan crannag
'S ise 'g amharc ri cuan Eirinn.
'S tu nach umhlaicheadh do thuasaid
Anns a' chuan ged thigeadh gèil ort,
'S fhad 's a sheasadh i roimh toiseach
Caiptean Roderick cha ghèilleadh.

Caiptean Roderick cha ghèilleadh,
' S ann as fheudar dhuinn a mholadh,
Bhon a thug e sgoil gu lèir leis,
Navigation agus Laideann,
'S a' dol seachad air an loighne
Chan iarradh tu boillsgeadh solais
Ach do lanntair dearg is uaine
Agad air gach gualainn crochait.

Agad air gach gualainn crochait
'S tu nad oifis arms a' chèibean
Le do phrospaigean gu dìleas
'S do làmh-sgrìobhainn air a' phàipear.
'S bheirear fianais aim an Lunnainn
Air na chunna tu de dh'èiginn,
Eadar aimsir mhìn is shearbhaidh
Bho a dh'earbadh riut gu leir i.

Bhon a dh'earbadh riut gu lèir I
'S ann as fheudar tilleadh fhathast.
Chunnaic mis thu na do phèilear,
'S bhon as fheudar dhomh sin aithris,
Bha mo mhisneachd air mo thrèigsinn
'S bha mi feumach air an aiseag,
'S bha mi ullamh air son seòladh
Null air bhòids a dh' eilean mara.

Null air bhòids a dh' eilean mara,
'S mi gu seasadh aig mo dhuty,
'G obrachadh ri solas gealaich
Eadar bagaids agus bùidseat,
'S ged nach robh i buileach dìonach,
Chaidh siud fhiachainn ri mo dhùirn-sa
'S mise 'g amharc far a hamail
an robh i againn air a cùrsa.

Bha i againn air a cùrsa
'S bha gach cùis innt mar a b' fheàrr leam,
'S nuair a ràing mis an laimrig
Chuirinn tairgs' oirre mar bhàta.
Ged a bha i gann a dh'ùrlar
Chaidh a togail ùr a leàraig -
'S bidh mi nise cur mu chùl riut,
Ged nach lùiginn bhith gad fhàgail.....

 

Title: Amhran Ruaraidh Aonghais Oig
Record Type: Gaelic Verse
Gaelic Name: Amhran Ruaraidh Aonghais Oig
Record Maintained By: CEBL
Subject Id: 24404