25380: Oran Sniomh

A song composed by Christina Murray of 6 Hacklete after the death of her husband.

Seist:

Gur fhada nis na dh’fhuirich mi
Bho thoisich mi ri d urraman
Gur fhada nis na dh’fhuirich mi.

Bho fhuair mi naidheachd air do bhàs
Tha mise ghràidh gu muladach.

Aig do bhanntrach ‘s aig do chloinn
Tha ionndrainn agus tuaiream ort.

Tha do phearaichean ‘s do bhràthair
Fo phràmh nach fhaic iad tuilleadh thu.

‘S chan iad do phàrantan ‘s fheàrr
Bith iad gu bràth gun fhurtachadh.

Tha mòran chàirdean anns gach àite
‘S tha sgeul do bhàis glè dhuilich aca

Bho chaidh thusa ghràidh thoirt uamsa
Gun d’ thrèig gach suaimhneas buileach mi.

Ged bheir iad t ainm-sa bhos is thall
A chaoidh cha chail min urraman.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL

Related Media