43761: Tha mi duilich, duilich, duilich

The following verses were composed by Margaret Macdonald, Peigi Eachainn, Banantrach Choinnich Mhurchaidh Bhain.

Tha mi duilich, duilich, duilich
Tha mi duilich dol troimh ‘n fhàsach
Tha mo chridhe briste brùite
‘S cha be an aois a liath cho tràth mi.

‘S ann bhuam fhèin a dh’fhalbh a fuirean
Se bha grinn na sheacaid bhàn
Dh’fhalbh e sheòladh ‘s cha do thill e
Dh’fhàg sin toinnte cridhe a’ mhàthair.

Nuair a’ chì mi pòsta tighinn
Bidh mo chridhe an iomadh sgàineadh
Cha bhi dùil agam ri litir
Sann anns a ceist bhon lic a tha thu.

Nuair a thig na balaich dhachaidh
thèid gach fear aca gu màthair
Bidh mo chridhe briste brùite
‘S bidh mo spiorad brùite cràiteach.

Nuair a’ thèid mi gu na ciste
‘S ann air do phioctar bheir mi làmh
Chaineil agam ach am paipear
‘S tusa an ‘Cairo’ air do chàradh.

Tha mi seo mar chraoibh gun duilleach
Air a cur an oisean gàraidh
Ach ‘s math an taic a tha ri ‘m ghualain
Fear a lionn an cuan ‘s nach tràigh e.

Do pheathraichean ‘s do bhràithrean Buillich
‘S a lòn dubh air sùil do mhàthar
Cuiridh iadsan air an cùl e
Ach cha chuir mis air cùl gu bràth e.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEP