60868: An t-Eilean Siar

(les an Urramach DU MacCoinnich, Arivruach)

Oran mu an Eilean boidheach maiseadh ann an do tògaidh e. Sè a “MacLeod” air a bheill e labhart “Ceann Fearrna na Leodaich” a chuir a ruaig air na “Fife Adventurer”.

A song in praise of our beautiful Island. The “MacLeod” he refers to is Ruairidh Og, the last Chief of the Macleods of Lewis who chased the Fife Adventurers from the Island.

Eilean Leòdhais, tìr mo ghaoil,
Far an ci’nn gu-pailt ‘am froach,
Sòbhraichean is neònein mhaoth
A’ fàs ri taobh nan allt’ ann.

‘Stoigh leam fhìn an t-Eilean Ciar,
A ta thall ‘s an aired ‘n iar,
Far am bheil na daoine fiall,
‘Sa chiall nach mi ‘bha thall ann.

‘S bòidheach leam do bheanntan àrd’,
Far am bi na feidh a tàmh,
Gheibht’ a ruadh-chearc ann le h-àl,
‘G’an àrach feadh nan gleanntan.

Gur a tric a thug mi sgrìob
Le mo ghunna do na frith
‘S e’n damh donn a bhiodh gam’ dhìth,
‘S toigh leam fhìn ‘bhi teann air.

Bidh na bradain air na h-òis,
Cluich ‘s a leum air linne ‘s òb,
Leam bu mhiann a bhi nan coir
Aìr maduinn cheòthar shamhraidh.

C’àit’ am facas riamh na’s àill’,
No do lochan bòidheach sail,
Bidh an sgadan annta ‘tàmh,
‘S na linn dheth làn ‘s a’ Gheamhradh.

‘S toigh leam Steòrnabhaigh nam buadh,
Baile ‘s bòidhche ‘s an taobh tuath,
Oiteag chùrr bho’n Ghearraich-Chruaidh,
Mu’n cuairt air bidh ‘s an t-Samhradh.

‘Stoigh leam Sandaibhig ‘s am Bràigh,
Sìos gu Seiseadar ‘na h-`Aird,
Is am Bac an cois na tràgh’d,
‘Se Ghàidhlig leotha b’annsa.

‘S tric na deòir a ruith o m’shùil,
‘S’Ghàidhlig choir ‘ga cur air chùl,
Ach togaidh Leòdhas suas a cliù
Le coisir chiùil ‘s a’Gheamhradh.

‘S cuimhne leam nuair bha mi òg
Bha mo chridhe maoth gun ghò
‘S mi ri buachailleachd nam bò,
‘S mo cheòl cruit-chiùil nan gleanntan.

Bhiodh an smeòrach air gach geig,
‘N uiseag bhinn a seinn ‘s an speur,
Na h-uain òga cluich ‘s a leum,
Gu’m b’eibhinn leam ‘s an àm iad.

Siod na glinn do’n tug mi gràdh,
Far an robh na suinn a tàmh
Cuid dhiùbh b’eiginn flabh thar sail,
‘S nan àit’ tha daoine Gallda.

Tha na làraichean ‘n diugh fuar,
Far an robh na daoine suairc’,
Leac-an-teintean air fàs suas
Le coineach ruadh is deanntaig.

‘Siomadh fàrdach chaoimhneil bhlàth
Bh’eadar Uig is frith na Pàirc’,
Cha’n eil nis ach feidh nan àit’,
‘S tha caora bhàn air Gabhsann.

Cha’n eil feadan eas no òb
Nach eil buachaille nan coir,
‘N t-iasg a ghlacar ‘s a’ chuan mhòr
Tha coir aig tighearn Galld’ air.

Nach robh agaibh greis, ‘MhicLeòid’
‘S ann a bha gach cùis air dòigh,
Chuireadh e na Goill ‘am fròig,
Is stad air fòirn nan aingidh.

Iùraich luath ‘theid fad an cein,
Nunn gu “Smeòrach bhinn nan Geug”,
Thoir mo rannan chuir an ceill
Do thìr nan treum-fhear m’annsachd.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Theme:
Lewis
Record Maintained by:
CECL