You are here

Oran na Ciora

Oran na Ciora

This piece of bardachd written by John Smith, 18 Kirkibost is in the form of a heated conversation between a crofter and his pet lamb. The lamb is running amok and the crofter is losing his temper trying to catch it. The first verse is the crofters voice and the second, the lamb's reply; this continues in alternate verses throughout the poem.

Cha b'ioghnadh ged do ghluaiseadh tu,
Am buaireadh 'bha 'n am nàdur
'S a liuthad oidhche 'ghluais thu mi,
Gu cuartachadh a' ghàraidh.
Bha cruachan coirc' 'us eòrn' agam,
Bu bhòidheach rinn mi fhàgail;
'S tha rud am broinn na ciora,
De na h-uile ni a dh'fhàs dhomh.

Tha mo bheathachadh 's mo bheò-shlaint',
Air Macdhomhnuill bho chionn ràidhe,
Ach tha e nis 'g am fhògradh,
'S cha mhòr ni sud dha-san.
Na sluic a bh' aig a chladach leis,
Bu mhath an siol buntàt' e.
'Us sguil mi mo chuid ghlùinean,
'G a rùsgadh do mo chàirdean.

'Sin càil as truaighe dhuit,
A chuala mi mu d' thimchioll,
Cha bhi mi 'cleith do chunnartan,
Bi ullamh airson iomraich.
Ma tha thu 'n dùil gu 'm buannaich thu,
'S e luaths 'us cruas do chalpa;
'S thèid innse dhuit mu 'n caraich thu,
Gu d' aineolas thèid falbh leat.

Tha 'chùis a sealltuinn bagarach,
'S tha sin 'n ghnothuch brònach,
Ma 's fheudar 'dhol a chothachadh,
Feadh phollagan 'us mòintich.
Ach tha mi taingeal toilichte,
Nach aithne dhut mo chròthadh;
Gur h-e bhios air an allaban,
Mo charaid-sa Macdhomhnuill.

Sin an rud 'thug spionnadh dhomh,
'S gu 'n thruisich mi mo thriùbhsair.
Na h-uile h-àite fuireadh i.
Bha mise 'dol 'g a h-ionnsuidh,
Ged 'bha mi air mo shàrachadh,
Cha d' fhàiling sud mo shùnnd dhomh;
Bho 'n mhionnaich mi nach sguirinn dhi.
Gu 'n deanadh dubh na h-oidhch' e.

M tha thu air do shàrachadh,
Gur fhearr dhuit 'bhi gun bhrògan;
Fiach an cùm thu fàir orm,
Mu fàg mi thu 'n ad ònar.
Tha 'n t-anamoch a' tighinn dlùth oirnn,
'S thoir dhomh-sa cùl do thòine;
'S gu 'n toir mi greis air fanoid ort,
Bho 'n dh' fhairtlich ort mo chròthadh.

Tha càil de latha fathast ann,
'S tha feasgar fionnar fuar ann,
Ged shileadh beagan falluis dhiomh,
Cha sguir mi dhe do ruagadh.
Cuiridh mi air fòrladh thu,
'S cha b' ann do d' dheòin a ghluais thu;
Gu ' ruig mi ceann na h-innis,
Leis a' chiora rinn mo bhuaireadh.

Amadain gu fhaireachduinn,
Tha innis roimh mo shròin-sa.
Ait' as fearr na Sgealamhail,
Rubha-lighe, Bhòstaidh.
A fhleasgaich, tha thu amaideach,
Na 'm biodh tu sud bho t-òige;
'S ann 'tha leabaidh laigh' agam,
An claigionn Druim-na-mòine.

Tha mi nis ag aideachadh,
Gu 'm beil mi air mo phianadh,
'S tha tràth 'bhi tilleadh dhachaidh uat,
Ma 's eil an ulainn cianail.
Na faiceadh duin' air thalamh,
'N a do sheasamh thu gu siorruidh;
'S na faiceadh duine 'bhuineas dhuit,
Do churrach air an t-sioman.

Ma tha thu air do shàrachadh,
'S gu 'm bheil do chàil air diobairt;
Innis mar a dh' fhàg mi thu,
'S na ceil air càch an fhirinn.
Oir ni mi coinneamh fhathast riut,
'S an earrach mu fhèill Bride
Gus a' faic mi duais agad,
'Us tuarasdal mar chiòbair

Biodh fithich agus starragan,
'Us arspagan nan cuantan,
A' tarruing do chuid sgamhanan,
Gun chothrom agad gluasad.
Camadh 'n a do cheathranan,
'Us doire 'g a do bhualadh,
Crannadh agus an-shocair,
Cho fad' 's a ni thu gluasad.

 

Title: Oran na Ciora
Record Type: Gaelic Verse
Theme: humour
Record Maintained By: CEBL
Subject Id: 63243