109986: A’ Chiad Itealan ann an Steòrnabhagh
Chaidh am pìos seo a sgrìobhadh le Coinneach D. Mac a’ Ghobhainn, Liùrbost.
Chualas iomradh bho chionn ghoirid air iteal-adhair a bha a’ gabhail compàirt ann an rèis eadar Paris agus New York. Thàinig feadhainn dhuibh gu raon laighe Steòrnbhaigh air son tuilleadh connadh a gabhail air bòrd, mu choinneamh an t-slighe thairis air a’ Chuan Siar.
Chunnaic mi na measg aon iteal snasail air an robh mi eòlach o chionn fhada – De Haviland Dragon Rapide – itealan den t-seann chumadh, le dà sgiath dhubhailte, an seorsa iteal a bha giulain litrichean agus daoine do na h-Eileanan mus tàinig na pleanaichean mora.
Chur an sealladh gu smaoineachadh mi agus thòisich mi rannsachadh, ach cuin a laigh a’ chiad iteal ann an Steòrnabhagh. Lorg mi gur ann an air an t-siathamh latha deug den t-Og Mhios 1933, a thàinig a’ chiad duine air sgeith chun a’ bhaile.
B’ e an sealladh e da rireamh! Dhaibhsan a bha lathair aig an àm, nam measg Donnchadh MacLeòid à Mealbost “ ’S ann air feasgar Disathuirne a bh’ann agus bha e a’ fàs anmoch” arsa Donnchadh. “Chualas fuaim neo abhaisteach – fuaim a thàinig na b’ fhaisg ’s na b’ fhaisg, gus na nochd an inneal iongantach as an adhair, os cionn baile Shandabhaig air braighe Steòrnabhagh.
Chuir an iteal car neo dhà mus do laigh i air raon reidh air cùl a’ bhaile, ruith na daoine a mach, cuid nan aodach oidhche, a dh’fhaicinn an annais agus a mhiorbhail”.
Ma chuir an inneal eagail air an t-sluagh a chruinnich, tha e coltach gun ghabh fear stiuiridh na h-iteal eagal cuideachd-eagal gum pronadh iad an inneal nach robh ach gu math cuglaidh. Le cuideachadh chaidh an iteal acrachadh ris an talamh air eagal gu togadh gaoth troimhn oidhche i.
B’ e FOX MOTH an iteal a bha ann agus b’e am fear-iteal, calm, treun an Captein Freison a laigh an Sanndabhaig air an fheasgair ud. Na bu traighe air an latha bha e air togail air falbh far raon ann an Renfrew agus shiubhail e gu ruige Eilean Cholla.
Ann an sin, chuir e tuilleadh connadh don bheart-tarraing agus thilg e às na canastairean a bha ga ghuillainn agus chuir e aghaidh air Uibhist a Tuath. Bha e an dùil Hiort a dheanamh dheth ach chuir droch cheo bachadh air. Thill e gu raon aig Solus agus seach nach robh connadh freagaireach ri fhaotainn an sin, lean e air adhairt gu Steòrnabhagh.
A rèir m’ fhiosrachadh fhuair e connadh bho muintir Henderson ann an Ceann a Bhàigh agus tràth madainn na Sabaid, dh’eirich an iteal aig Freison air falbh à Steòrnabhagh.
Nise seo far am bheil an annas agus air mo shon-sa, ceist inntinneach.
Air madainn Sabaid Samhraidh air an dearbh bhliadhna 1933 bha m’athar a searmonachadh anns an t-seann eaglais stèidhichte ann an Griminish ann am Beinn a Mhaola. Bha mise làthair na mo bhalach agus chuala mi fuaim neònach a tighinn às na neòil. Dh’ fàs mi gu math an- fhoiseil-an fhoiseil gu ruige na h-ire, gun stad m’athair a searmonachadh agus dh’iarr e orm a dhol a mach às an tigh aoraidh a dh’fhaicinn cò às a bha fuaim ag èirigh. Nam sheasamh an taobh a muigh den eaglais chunnaic mise airson a’ chiad uair na mo bheatha iteal-adhair a’ siubhal gu farumach anns na neòil.
Sùil cho do leig mi dhith gus na dh’ fhalbh I gu neonaidh aig crìch mo fhradhairc agus a shìolaidh am fuaim gu buileach. ‘S e cheist a th’agam an diugh. ’N e iteal Freison a chunnaic mi air a’ mhadainn ud ann an Uibhist? Mus e, tha a h-uile coltas gur e, cha robh leithid Freison ach tearc, chunnaic mi eachdraidh air ùr dhealbhachadh.
Details
- Record Type:
- Story, Report or Tradition
- Date:
- 1981
- Record Maintained by:
- CECTL