52696: A’ Ledidh (II)

Reminiscences of John Murdo Morrison, the Ledidh, Gravir. See also the English translation.

part one

Bha còig muileann clò ann a Steòrnabhagh far am bithinn a h-uile latha a’ faighinn snàth airson a thoirt a-null chun an da fhichead breabadair a bha ‘g obair anns a’ sgìre, neo toirt a’ chlò air ais nuair a bha iad air am fighe. Sheas an t-seirbhis seo fad nam bliadhnachan a bha am bus agam, ged a bha e air a dhol sìos gu mòr mus do leig mi seachad mo dreuchd.

Dh’ fheumar a bhith a’ tadhal air stòr na stiomair cuideachd a shealltainn an robh càil air a thighinn a bhuineadh don sgìre. ‘S ann glè ainneamh nach biodh rud air choireigin ann – baidhsagal, pram, bara-cuibhle, leabaidh, àirneis, neo rudeigin eile. Air latha sònraichte chaidh mi a-steach agus bha an t-àit air a dhol bun os cionn. Bha dà ghobhar ann an sin agus iad a’ ruith sa leum mar bheathaichean às an ciall, a’ stialladh a h-uile càil a bha tighinn nan luib às a chèile. Bha luchd-obrach an stòr air an sàrachadh leotha agus bha iad glè thoilichte ‘m fhaicinn a mhadainn a bha siud oir ‘s ann a-null a Ghrabhair a bha na gobhair a’ dol. Bha boireannach a bhuineadh do Cheann Loch Ghilp, Bellann nan Gobhair, air a thighinn a dh’fhuireach a Chnoc a’ Bhlàr an Grabhair ceala-deug roimhe seo agus bha na gobhair air an astair dhachaidh air ais on uair sin. Feumaidh e bhith nach robh iad air tròcair bithidh fhaighinn anns an ùine sin, oir nuair a bha ‘m bus a-mach Beinn na Dròbha chuala mi an ùpraid a bha seo air mo chùlaibh. Bha am bus làn de stuth a bha mi toirt dhachaidh gu bùth m’athair ‘s nuair a thug mi sùil air ais bha aona ghobhar ag ithe poca lofaichean ‘s am fear eile sàs ann am bucas teatha. Cha do rinn mi càil ach na lofaichean a dhòrtadh a-mach às na pocannan agus na pocannan a cheangal timcheall air cinn nan gobhair. Bha iad a’ leumraich agus a’ breabail ann an sin gus na ràinig mise taigh Bellann leotha.

Thug mi còrr is dà fhichead bliadhna a’ ruith nam busaichean, agus, mar a thubhairt mi mur tha, chaidh iad seachad glè aithghearr. Bha mi òg, bha na bailtean làn dhaoine, ‘s bha iad dha mo chumail trang. Dh’aindeoin sin ‘s iomadh sian a chaidh orm thairis air na bliadhnaichean, le droch thìde anns a’ gheamhradh, staid nan rathaidean anns an fharsaingeachd agus tubaistean a bha dualtach tachairt uair sam bi.

Bhiodh mi fhìn agus Seonaidh Ciorstaidh à Leumrabhagh a’ feitheimh ris a’ stiomair oidhche mu seach. Bhiodh i uaireannan meadhan oidhche mus tigeadh i a-steach agus an dèidh sin ‘s docha nach robh duine air bòrd oirre a bhuineadh don sgìr’ againn. Cha robh salainn no stuth sam bith a’ dol air na rathaidean aig an àm ud agus bha e uabhasach duilich dearcadh air iomall a’ rathaid anns an t-sneachd. Bhiodh sèineachan air na cuibhlichean airson greim nas fheàrr fhaighinn, ach ged a bha ‘s e cunnart eagalach a bh’ann a’ falbh le làn a’ bhus troimh sneachd is reothadh. Bha uallach trom oirnn airson a h-uile duine fhaighinn dhachaidh sàbhailte.

Aon oidhche reòta geamhraidh le tòrr sneachd air an rathad thàinig sinn gu leathad mòr Chalboist aig an Abhainn Mhòr. Bha Niall Sunt còmhla rium agus thug sinn clach mhòr a-steach aig an drochaid agus sheas Niall anns an doras airson gum bhiodh e deiseil airson leum a-mach agus a’ chlach a chur fon chuibhle na fàilligeadh e oirnn a’ leathad a dhìreadh. Cha robh sinn ach dhà neo trì throighean bhon a’ mhullach nuair a chaill na chuibhlichean-deiridh an grèim agus thug am bus leum gu chliathaich. Chaidh Niall bochd a shadail a-mach dhan t-sneachd mus d’fhuair e air greimeachadh air a’ chlach agus thòisich am bus a’ dol air ais sìos an leathad ‘s cha b’urrainn dhomh càil a dhèanamh ach fuireach ann an sin gus an tigeadh e gu stad. Gu fortanach lean e a’ dol air ais anns an làrach a dh’fhàg e a’ dìreadh agus stad e nuair a bhuail e cnap-starraidh na drochaid. Bha dùil aig Niall, nuair a chunnaic e mi a’ falbh, nach robh rian neo dòigh nach deidhinn na mo char-a-mhuiltein sìos dhan abhainn.

Bha pleite tiugh, làidir air na busaichean an uair ud, agus dh’fheumadh iad buille glè chruaidh mus tigeadh tulg annt’. Ma bha tubaist aig duine cha robh am poileas a’ gabhail gnothaich ris agus seach nach robh ‘insurance’ ann bha an cosgais a bha ag èirigh a-mach à tubaist-rathaid air a rèiteach eadar thu fhèin agus dràibhear a’ charbaid a bha air bualadh annad. Nam biodh tu a’ dol leis an rathad neo a’ bualadh ann an cnap-starradh air choireigin, bha thu toirt a’ phleite dheth agus a’ putadh a-mach nan tulgadh leis an òrd mhòr. Dh’fheumadh e brod na buille leis an òrd airson a chur grinn, còmhnard mar bu chòir dha bhith.

Thàinig sneachda mòr orm turas eile agus mi air mo shlighe dhachaigh a Steòrnabhagh faisg air uair sa mhadainn. Bha dùil agam a dhol timcheall taobh Chalboist oir se aon duine bha agam air bòrd agus bhuineadh e don bhaile sin. Co-dhiù, nuair a ràinig mi Marabhaig bha e glè shoilleir dhomh nach biodh e sàbhailte a dhol na b-fhaide na taigh Ailein Sheonaidh. Bha an rathad air a mhùchadh le sneachd, bha e a’ cur, bha a’ ghaoth ag èirigh agus bha leòidean agus lùib chunnartach eadar Marabhaig ‘s Grabhair. Ach dhiùlt fear Chalboist gluasad a-mach às a shuidheachan agus b’fheudar dhomh oidhirp a dhèanamh a chur dhachaigh. Cha do dhìrich am bus an leathad beag, a’ dol suas eadar an dà lochan mar tha thu a’ fàgail Mharabhaig, shleamhnaich e agus chaidh e leis an rathad. Rug fear Chalboist air a bhaga agus thog e air dhachaigh troimh an t-sneachd gun facal a radh rium no cuideachadh sam bith a thairgse dhomh airson am bus a thoirt às an dìg.

Thug mi chòrr dhan oidhche ghreannach, fhuar gheamhraidh sin le mo spaid, plancaichean agus mhorghan a bha mi bristeadh a-mach às na bruthaichean – a’ saothair airson am bus fhaighinn fo shiubhal a-rithist. Sin mar a bha cùisean aig an àm ud, aig deireadh a’ chogaidh – bha uiread de bhusaichean a’ falbh air an astar ‘s gu feumadh tu bhith air do bhonnan airson do chuid fhèin de na bha dol a dhìon, agus a bhith deiseil airson falbh aig an àm cheart anns a’ mhadainn ged nach biodh tìd’ agad aig amannan ach cupan tì a ghabhail agus lèine ghlan a chur ort aig an taigh bhon dh’fhalbh thu ‘n latha roimhe sin.

Tha cuimhn’ agam air latha eile ‘s mi air m’fhasdadh a’ dèanamh mo shlighe glè dhòigheil sìos an leathad, taobh Steòrnabhaigh dhan a’ ‘Halfway House’. Bha mo smaointean air rudeigin eile nuair a thug mi an aire do chuibhle dol seachad orm a-mach à oisean mo shùil. Thàinig e a-steach orm gur e làraidh a bha a’ feuchainn seachad, ach aig a’ cheart àm chaidh am bus sìos air a chliathaich agus chaidh an aiseal sàs ann an taobh a’ rathaid. Gu fortanach fhuair mi air stad mun deach mi leis a’ rathad agus ghlèidh mi am bus na sheasamh còmhnard. Lean a’ chuibhle a’ dol air adhart agus bha eagal mo bheath’ orm gun tigeadh carbaid eile timcheall an luib agus gum bualadh iad a chèile. Thàinig a’ chuibhle gu fois mu dheireadh anns a chuaraidh far a bheil an tiùrr salainn an diugh.

Dh’fhàg mi am bus ann an sin agus choisich mi sìos chun a’ chuaraidh. Chan fhaigheadh carbaid eile seachad agus bha a’ chuibhle ro throm airson a giùlain nam aonar. Co-dhiù, cha robh e fada gus na thionail daoine agus thog sinn a’ chuibhle air bus balaich Ratharnis, chaidh sgiobadh de dhaoine treuna timcheall air an aiseal, thog sinn am bus suas air banca chlachan, chuir sinn a’ chuibhle sàs glè theann agus bha mi air ceann mo chosnaidh mus robh fichead mionaid air a dhol seachad.

Bha tachartasan èibhinn ann cuideachd. Thàinig fios orm aon fheasgar falbh chun a’ stiomair leis a’ Chomhairliche a bha dol a-mach gu coinneamh ann an Inbhir Pheofharain. Se Dòmhnall ‘ic Caoidh (Cearsiadar), ‘Dòmhnall a’ Phuist’, a bh’anns an dreuchd aig an àm agus bhiodh e glè thric a’ cur fios orm anmoch mar sin oir ‘s ann aig leth uair an dèidh aon uair deug a bha an stiomair a’ fàgail Steòrnabhagh airson a dhol chun a’ Chaol.

Nuair a bha mi a’ dèanamh deiseil airson falbh thàinig Ailig Dan ‘an Bhàin sìos an rathad agus air sgàth gu robh mi tilleadh anns a bhad dh’fhalbh Ailig Dan còmhla rium. Chaidh cùisean leinn glè mhath agus nuair a ràinig sinn Steòrnabhagh bha na h-eathraichean air a thighinn a-steach agus bha ‘n cidhe beò le iasg. Chaidh Dòmhnall a’ Phuist sìos a-mheasg na h-iasgairean ‘s na ceannaichean agus thill e air ais le biast mhòr de dh’easgann agus thubhairt e rium a cuir a-steach gu bhràthair a bha tinn a-staigh anns an dachaigh ann an Cearsiadair. Chaidh Ailig Dan a-steach do thaigh-seinnse, cheannaich e trì ‘screwtops’ agus chum sinn air an taigh.

Mus do ràinig sinn Bail’ Ailean bha dà ‘screwtop’ falamh ‘s thòisich Ailig Dan a’ coimhead airson an fhear eile. Cha lorgadh e shìos neo shuas e agus bha e dhan a bheachd gur e mis’ a chur air falach e. Aig a cheann fo dheireadh cho-dhùin sinn gur e tuiteam a-mach air an doras a rinn am botal agus gu robh sinn air a’ chall. Chuir mi an easgainn a-steach a thaigh Dhòmhnaill a’ Phuist agus thill sinn a Ghrabhair gun smaoineachadh an còrr mu dheidhinn.

Latharna mhàireach a’ dol troimh Chearsiadair bha bràthair Dhòmhnaill a’ Phuist na sheasamh ri taobh an rathaid a’ feitheamh rium le parsail beag fo achlais. Staid mi. "Seall", ars esan, "a rud a fhuair mi nuair a sgolt mi ‘n easgann a thug thu thugam a raoir – ‘screwtop’ slàn gun deur a thoirt as".

"A bhròinean bhochd", arsa mis gun càil a leigeil orm.

Thug mi am botal dhachaidh gu Ailig Dan agus cha chuala mi leithid a ghàireachdain is lachanaich na mo bheatha. Cha do leig Ailig Dan còir a-riamh air dhì-chuimhne e agus bha e dha thoirt a-steach orm iomadh latha bhon an uair sin.

Nuair a thòisich an Cogadh ann an 1939 chaidh mo thogail anns a’ bhad agus chaidh mi dhan a’ Nèibhidh. Chuir mi seachad bliadhna gu leth air "patrol" anns a’ Chuan Siar air H.M.S. Derbyshire.

Chaidh an t-soitheach a ghairm an sin airson a bhith còmhla ri na criùisearan ‘Renown’ agus "Repulse" air an t-slighe a-null gu Singapore. Gu mì-fhortanach dh’fhàs mi tinn air a bhòidse sin agus b’fheudar dhaibh mo chur air tìr ann an Cape Town, an ceann a deas Afraiga airson a dhol dhan Ospadal. An dèidh dhomh fàs na b’fheàrr chur iad sìos gu na ‘Naval Headquarters’ ann an Cape Town mi agus thug mi trì bliadhna ag obair an sin gus na leig a’ Nèibhidh às mi nuair a bhrist mo shlàinte a-rithist ann an 1944.

Thill mi dhachaigh an uair sin agus an dèidh greis bha mi a’ faireachdainn na b’fheàrr. Bha am bus agam fo dhìon anns a’ gharaids fad a’ chogaidh agus thug mi làmh air airson a chàradh agus a chur ann an òrdugh math. Cha robh e fada, mar sin, mus robh mi air ais an ceann mo chosnaidh. Ged a bha bus aig balaich Mhurchaidh Ceanadaidh an Orasaigh agus fear eile aig Iain Sheonaidh Ruaraidh ann a Marabhaig bha sluagh gu leòr a’ falbh agus a’ tighinn aig an àm a chumail bith-beò ri gach duin’ againn.

Fhuair mi ‘n uair sin làrach taighe os cionn glìob na h-Eaglais Shaor ann an Grabhair agus thog mi taigh ùr air. Bha cuisean a’ dol leam glè mhath an uair sin, bha an cogadh seachad agus bha an fheadhainn a bh’air an togail ri tilleadh dhachaidh, an fheadhainn a mhair beò dhiubh co-dhiù. Bha na bailtean a’ taomadh le daoine, le sheanachas fhèin aig gach fear is tè air an cruaidh-chàs a dh’fhuiling iad neo na mìorbhailean a chunnaic iad. Ged a bha cùisean gann fhathast bha saorsa a-measg nan daoine agus shad iad dhiubh èideadh agus smachd a’ chogaidh agus thòisich iad ag ullachadh airson beatha na b-fheàrr aig an taigh. Chaidh na bàtaichean ‘s na eathraichean a sgioblachadh ‘s an cur air bhog, thàinig beairtean ùra dha na seadaichean ‘s na saibhlean agus bha taighean ùra dhan togail air croitean a bh’air an tionndadh gu bhith a’ toradh bàrr ‘s arbhair a-rithist.

Bha bainnsean ann cuideachd, mòran dhiubh, agus ‘s ann timcheall air an àm sin a phòs mi fhìn agus Aggie, nighean Iain Mhòr Mhicrath ann an Tàbost. Troimh thìde thàinig an teaghlach, Dòmhnall an toiseach agus a-rithist Anna. Chaidh na bliadhnaichean seachad mar sin ma tha, dòigheil còmhla ri chèile anns an dachaigh, trang, ‘s riaraichte aig an obair.

Tha mi creidsinn gu robh e suas ri deich bhliadna an dèidh a’ chogaidh nuair a thug sinn an aire gu robh cunntas na carbadan a bh’air an rathad a’ fàs na bu lìonmhor. Bha daoine air togail orra gu mòr agus bha an fheadhainn òg a’ tighinn dhachaidh bho sheòladh neo iasgach nam muc le bhanaichean ‘s làraidhean nan cois. Mar sin, thòisich na busaichean a’ call tòrr den luchd-siubhail a b’àbhaist a bhith aca oir bha daoine a’ gabhail bhan air fhasdadh anmoch air an fheasgar a bha iad a’ dol a dh’fhalbh air an stiomair, nam biodh aca ri dhol gu Tìr Mòr.

Bha riaghailtean a’ fàs nas teinne oirnne cuideachd. Bha uairean airson fàgail agus ruigheachd air an cuir mu ‘r coinneamh agus dh’fheumadh sinn gèill thoirt dhaibh. Chaidh na "Traffic Commissioners" a chur air bonn agus bha iadsan a’ cur nam busaichean troimh sgrùdadh cruaidh a h-uile bliadhna. Bha sin a’ cur cosgaisean an àrd aig a’ cheart àm ‘s a bha àireamh an luchd-siubhail a’ dol sìos. Mu dheireadh sguir sinn a dhol a choinneachadh na stiomair ach lean sinn a’ dol le seirbhis làitheil a Steòrnabhagh suas gu 1967. Leig mi seachad an obair an uair sin, còrr is dà fhichead bliadhna bho thòisich mi.

Anns an dà fhichead bliadhna sin bha an saoghal air atharrachadh gu mòr. Nuair a thòisich mi ann an 1926 bha iad a’ togail drochaid Cheann Tarbhaidh eadar Tàbost agus Sildinis agus bha ceathrar bhalach à Grabhair ag obair ann. Be iadsan Dòmhnall Angaidh Rob, Seonaidh Murdo Sheonaidh Iain, Crils Choinnich Thormoid agus a bhrathair, Calum. Bha iad a’ falbh còmhla rium maduinn Diluain agus a’ tilleadh dhachaidh oidhche Haoine. Troimh ‘n t-seachdain bha iad a’ fuireach ann an taigh falamh a bh’air croit 5 ann an Tàbost.

Ach a dh’aindeoin a h-uile caochladh a thàinig air an t-saoghal tha bus a’ ruith fhathast eadar an sgìre agus Steòrnabhagh. ‘Se beatha socair a th’aca ‘n diugh, neo-choltach ris a’ chabhaig agus an spàirn a dh’fheumadh sinne dhèanamh airson cumail suas ri riaghailtean, "timetables", iarrtas agus feumalachd an t-sluaigh. Tha iad slaodach cuideachd. Cha tèid am bus a th’ann an diugh seachad air carbaid mur a bheil e na stad. Agus tha e cho daor. Tha cailleachan an àit’ ag ràdh riumsa nach fhàg e sgillinn aca a chuireas fo ‘n talamh iad. Cuimhnich a-nis gun cuir thu siud ann. Bidh fear a’ bhus an còmhnaidh a’ tarraing mo chois seach gu robh mi gabhail mo thìde agus a’ beannachadh an latha dha na daoine a bha a’ cur earbsa annam.

Comann Eachdraidh na Sgire Pairc

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Type Of Story Report Tradition:
Reminiscences
Record Maintained by:
CEP